"Targaidean nas ruigsinniche" a thaobh FtMG aig tuath
- Air fhoillseachadh
![Foghlam](https://ichef.bbci.co.uk/ace/standard/624/cpsprodpb/5828/production/_128586522_20191012203707-3d612eea-xs.jpg)
Thuirt Cathraiche Comataidh Gàidhlig Comhairle na Gàidhealtachd gum feum iad coimhead ri targaidean nas ruigsinniche a thaobh àireamhan ann am FtMG.
Bha Calum Rothach a' bruidhinn is aithisg, taobh a-muigh a thèid air beulaibh na comataidh an ath-sheachdain ag innse gun do dh'èirich an àireamh de chloinn ann am foghlam Gàidhlig sa Ghàidhealtachd air feadh nan diofar aoisean chun na h-ìre as àirde riamh, ged a tha an aithisg cuideachd a' nochdadh dhuilgheadasan a tha a' leantainn le gainnead luchd-teagaisg.
Am measg nan duilgheadasan sin, tha gainnead de thidsearan a tha comasach air a bhith ag obair tron Ghàidhlig nuair a tha tidsear àbhaisteach far na sgoile. Dh'innis an aithisg gur e foghlam tron Bheurla a gheibh na sgoilearan san t-suidheachadh seo.
Chaidh dragh a thogail mun sin mar-thà an t-seachdain seo.
Ach ged a tha àireamhan ann am FtMG aig ìre bun-sgoile air Gàidhealtachd am measg na tha air èirigh a-rithist (bho 1,082 gu 1,101), bha iad fhathast astar air falbh bho thargaid a stèidhich Comhairle na Gàidhealtachd roimhe.
Pàirt mhòr
Tha an t-àrdachadh as ùire a' ciallachadh gu bheil 6.61% de chloinn na Gàidhealtachd aig aois bun-sgoile a-nise ann am foghlam Gàidhlig.
Bha plana Gàidhlig an ùghdarrais ag amas gum biodh am figear seo aig 10% san Lùnastal 2023.
Thuirt an Comh Rothach gur e "adhbhar toileachais" a tha anns na h-àireamhan san aithisg is gu bheil iad a' sealltainn gu bheil pàirt mhòr aig Comhairle na Gàidhealtachd ann am fàs FtMG air feadh na h-Alba.
Calum Rothach a' bruidhinn air Aithris na Maidne.
Dh'innis e ge-tà, gu bheil e den bheachd gum bu chòir dhaibh coimhead às ùr air targaidean às dèidh seo.
"Tha an t-amas sin (10% san Lùnastal 2023) san treas plana Gàidhlig aig a' Chomhairle ach tha sinn pìos air falbh bhon targaid sin. 'S e targaid air leth dòchasach a bh' ann.
"Mar a tha sinn a' dol an-dràsta tha sinn ag àrdachadh, tha sinn a' dol am meud gach bliadhna, ach tha e gu bhith gu math doirbh an targaid sin a ruigheachd.
"Saoilidh mise gum feum sinn san ath-phlana a bhith a' sealltainn ri targaidean nas ruigsinniche a rèir na th' againn de thidsearan, na th' againn de sgoiltean a tha a' toirt seachad agus a' lìbhrigeadh foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Maill is bacadh"
"Nam bharail fhèin agus ann am barail mhòran air Ghàidhealtachd is an Alba, 's e foghlam tro mheadhan na Gàidhlig am foghlam as fheàrr a ghabhas a thoirt seachad do chloinn. Mar tha sin tha mi airson na h-uimhir fhaicinn ann am foghlam tro mheadhan na Gàidhlig.
"Chan eil mi a' creidsinn gur e targaid uabhasach ruigsinneach a bha siud leis an fhìrinn, leis na th' againn de ghoireasan agus de luchd-teagaisg ach feumaidh sinn a ràdh, tha adhartas air a bhith ann, tha na figearan air a dhol am meud, is bidh sinn a' coimhead ri cur ris na figearan sin anns an ath-phlana anns na bliadhnaichean ri teachd.
Thog an Comh Rothach às ùr cuideachd air gainnead luchd-teagaisg agus duilgheadasan le ceannardan fhaighinn ann am FtMG, rud a tha ann air feadh na h-Alba.
Thuirt e gu bheil dìth luchd-teagaisg a' cur "maill is bacadh air leasachadh" is gum feumar rudeigin a dhèanamh a bheir piseach air an t-suidheachadh.
Dh'innis e gu bheil a' Chomhairle air sgrìobhadh gu Rùnaire an Fhoghlaim mun chùis is ag iarraidh oirre coimhead ris às ùr.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh9 An Gearran 2023
- Air fhoillseachadh8 An Gearran 2023