Dachaigh-cùraim an Ullapul air dùnadh
- Air fhoillseachadh

Dhùin dachaigh-cùram Mo Dhachaidh ann an Ullapul.
Dh'innis a' chompanaidh a tha ga ruith, Parklands Care Homes, gun do ghluais an triùir mu dheireadh a-mach às an àite Diardaoin.
Bha dùil gun dùnadh e aig deireadh na h-ath mhìos.
Thuirt iad anns an Fhaoilleach gun dùnadh Mo Dhachaidh aig deireadh a' Ghiblein, beagan mhìosan an dèidh dhaibh a ghabhail thairis, is iad a' coireachadh cosgaisean àrda.
Thuirt stiùiriche na companaidh, Ron Mac an Tàilleir, gur e seo an co-dhùnadh a bu dhoirbhe a rinn iad a-riamh.
Bha 14 duine a' fuireach ann.
Tha an t-aite as fhaisge a th' aig a' chompanaidh còrr is uair a thìde air falbh.
Thuirt iad gum biodh iad deònach an togalach a reic, air prìs nach biodh àrd.
Bha Cathraiche Comhairle Choimhearsnachd Loch Bhraoin, Topher Dawson, ag ràdh gum bu chòir dhan ùghdarras ionadail an togalach a ghabhail thairis.
Thuirt tè-labhairt bhon bhòrd-slàinte gu bheil iad ag obair còmhla ri Comhairle na Gàidhealtachd faic de ghabhas dèanamh mun t-suidheachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh27 Am Faoilleach 2023

- Air fhoillseachadh26 Am Faoilleach 2023
