Suidheachadh aiseig Steòrnabhaigh "nàr"

An MV Isle of Lewis a' seòladhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Tha seachdain ann on dh'fhàg trioblaid theicnigeach nach urrainn don Isle of Lewis na h-uimhir de charbadan a ghiùlain agus as àbhaist dhi

  • Air fhoillseachadh

Tha an troimhe-chèile air seirbheis aiseig Steòrnabhaigh a' leantainn is CalMac air dearbhadh nach bi e comasach dhan MV Isle of Lewis ach 30 carbad a ghiùlain gus an tèid a càradh.

Tha cuideachd dragh ann a-nise gum bi dàil air an MV Loch Seaforth tilleadh bhon t-seirbheis bhliadhnail aice.

Thuirt fear-gnothaich ionadail gu bheil an suidheachadh "nàr".

Tha seachdain ann bho bhrist siostam èadharachaidh deic-chàraichean an Isle of Lewis.

Tha seo air buaidh mhòr a thoirt air seirbheisean le dìreach cead aig luchd-coise a-mhàin aig amannan.

Ged a tha e comasach dhan Isle of Lewis a-nise 30 carbad a ghiùlain, tha CalMac air dearbhadh gur e sin an suidheachadh a bhios ann rè ùine mus tèid obair-càraidh a dhèanamh.

Tha i air ais ann an seirbheis bho 6:15f Diardaoin às dèidh do dhroch shìde cuideachd buaidh a thoirt air seòlaidhean.

Tha an soitheach as àbhaist a bhith air an t-slighe, an Loch Seaforth, a' faighinn na seirbheis bliadhnail aice ann an Lìte.

Bacadh

Thuirt CalMac gur dòcha gum bi dàil oirre tilleadh agus bàta eile a' cur bacadh oirre bho bhith a' faighinn a-mach às a' phort.

Bha a' chompanaidh an dùil bho thùs gum biodh an Seaforth air ais air an t-seirbheis bhathair bhon 16mh agus le luchd-siubhail bhon 17mh.

Tha an troimhe-chèile a th' ann air buaidh mhòr a thoirt air luchd-siubhail agus companaidhean bathair gu h-àraid.

Tha ceannard Woodys Express, tè de na companaidhean bathair as motha as na h-Eileanan an Iar, uabhasach feargach.

A' bruidhinn ri BBC Naidheachdan, thuirt David Wood "gu bheil e dìreach nàr na tha CalMac a' faighinn às leis".

Bidh ceist ann cuideachd mun bhuaidh air seirbheisean Bharraigh is an Isle of Lewis mar as trice a' frithealadh air an eilean.

Gheibhear am fiosrachadh as ùire mu sheòlaidhean an seo, taobh a-muigh.

CalMac air leisgeul a thabhainn

Ann am brath, thuirt CalMac gun tèid càradh slàn a dhèanamh air an Isle of Lewis cho luath 's a ghabhas, ach gu bheil dùil gum bi an Loch Seaforth air ais ann an seirbheis "ann am beagan làithean".

"Tha an MV Arrow air seirbheis bhathair a thoirt seachad air an t-slighe fhad 's a bha an Loch Seaforth san doc, a' dèanamh cinnteach gun robh gnothaichean riatanach a' ruighinn nan Eilean Siar.

"Tha sinn duilich mun troimhe-chèile a bh' ann leis an Isle of Lewis.

"Tha sinn an-dràsta a' làimhseachadh sheirbheisean air feadh an lìonra is timcheall air 30% de na bàtaichean againn san doc airson seirbheisean bliadhnail".

Tuilleadh air an sgeulachd seo