Drònaichean fhathast air fàire 'son seirbheisean Earra-Ghàidheal is Bhòid

Drònaichean lìbhrigidhTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh drònaichean a bhith air an cleachdadh airson cuid de sheirbheisean ann an Earra-Ghàidheal is Bòd a lìbhrigeadh a dh'aindeoin 's nach robh deuchainnean a chaidh a dhèanamh leotha soirbheachail.

Bha an t-ùghdarras ionadail a' ruith dheuchainnean eadar Ìle agus Diùra le beachd gun gabhadh an cleachdadh airson stuth leithid biadh sgoile, litrichean, drugaichean agus uidheamachd ospadail a ghluasad mu thimcheall na sgìre.

Ach dh'fhàilig an deuchainn sin ri linn na h-aimsire.

A rèir aithisg, taobh a-muigh a-nochd air beulaibh chomhairlichean, tha argamaidean làidir ann fhathast airson drònaichean a chleachdadh ann am pàirtean de dh'Earra-Ghàidheal is Bòd.

Thuirt Ceannard Fàs Eacaonmach aig a' Chomhairle, an Comh. Fearghas Moireach, gu bheil deuchainnean gan dèanamh le diofar sheòrsaichean dròna agus nach eil cuid freagarrach airson droch aimsire.

Thuirt e gun robh toraidhean nan deuchainnean fhathast gu math feumail.

Riaghailtean

Feumar cuideachd tuilleadh rannsachaidh a dhèanamh air mar a ghabhas teothachd chungaidhean-leigheis a chumail aig an ìre cheart agus iad gan gluasad le dròna.

"'S e teicneòlas a th' ann a tha ag atharrachadh," thuirt Mgr Moireach.

"Tha na h-uimhir de dhiofar sheòrsaichean dròna gam feuchainn.

"Tha cuid aca nach eil 's dòcha freagarrach airson droch aimsire, agus 's e sin as coireach gu bheilear a' dèanamh dheuchainnean.

"Tha e coltach ris an deasbad eadar VHS agus Betamax - dè a' mhargaidh cheart a th' ann?

"Tha cuid de dheuchainnean air a bhith soirbheachail, agus tha cuid air a bhith a' sgèith ann an gaoith mhòir.

"Ach tha iad air an cuingealachadh le riaghailtean. Tha sin ga obrachadh air le Riaghaltas na RA, 's tha deuchainnean a' dol air adhart air feadh na dùthcha.

"Tha rudan coimearsalta a' tachairt ann an Arcaibh, 's ma dh'fhaodas e tachairt an sin faodaidh e tachairt air a' chosta an iar."

Chaidh aontachadh gun lean obair-sgrùdaidh le sùil air suidheachaidhean nuair a bhiodh e comasach do Chomhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid an teiceòlas a chur gu feum.

Tuilleadh air an sgeulachd seo