Caismeachd an aghaidh phlanaichean 'son cìs turasachd air a' Ghàidhealtachd

Inbhir NisTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thèid caismeachd a chumail ann am meadhan Inbhir Nis Diciadain an aghaidh phlanaichean Chomhairle na Gàidhealtachd airson cìs turasachd a stèidheachadh san sgìre.

Tha co-chomhairleachadh a' dol an-dràsta mu bhith a' cur 5% ri cosgaisean fuirich aig a leithid thaighean-òsta, ostailean, is àitichean leabaidh is bracaist.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil airgead a dhìth orra airson bun-structar agus goireasan mun cuairt làraichean turasachd san sgìre a leasachadh am measg eile.

Gus an t-airgead sin a thogail tha iad a' moladh cìs 5% a chur air na tha daoine a' cosg air àitichean fuirich nuair a tha iad a' tadhal air an sgìre.

Tha a' chomhairle a' tomhas gum faodadh seo £10m a thogail gach bliadhna.

Thòisich co-chomhairleachadh air na planaichean san t-Sultain agus thig sin gu ceann aig deireadh a' Mhàirt.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Anna Mhàrtainn, aig a bheil gnìomhachas aoigheachd san Eilean Sgitheanach, a' togail dhraghan mu na planaichean air Aithris na Maidne

Tha Comhaire Earra-Ghàidheal is Bhòid cuideachd a' sireadh bheachdan air an aon seòrsa cìse a stèidheachadh anns an sgìre sin.

Ach tha mòran ann an gnìomhachas na h-aoigheachd air draghan a thogail mu na molaidhean le feadhainn dhen bheachd gum bu chòir prìs stèidhte a bhith ann seach cuid às a cheud.

Thuirt Anna Mhàrtainn, aig a bheil gnìomhachas aoigheachd san Eilean Sgitheanach, air Aithris na Maidne Diciadain nach e seo an dòigh as fheàrr airson an t-airged a thogail.

"Thall thairis, chì thu ann an sin, 's dòcha gu bheil aon Euro gach oidhche - tha e gu math simplidh agus tha e soilleir càite a bheil an t-airgead sin a' dol.

"Ann an seo, nam bheachdsa a-rithist, 's e gu bheil an riaghaltas ag iarraidh oirnn a bhith mar luchd-togail chìsean oir tha an HMRC a' coimhead air an airgead mar phàirt den phrothaid agaibh.

"Agus bidh againn ri a phàigheadh, bidh e a' dol a-staigh mar a tha iad a' cunntadh a' bhann-cìse", thuirt i.

Thèid tachartas fiosrachaidh a chumail ann an taigh-cluiche Eden Court ann an Inbhir Nis an-diugh, mus tèid caismeachd a chumail gu Taigh a' Bhaile airson fianais a thogail an aghaidh nam planaichean.