Aiseag Loch Baghasdail: "Tha mìosan de dhuilgheadasan gu bhith againn"
- Air fhoillseachadh
Tha mì-thoileachas ann an Uibhist leis an naidheachd nach bi CalMac a' leigeil ach le 45 duine a' siubhal air an t-soitheach a bhios air an t-slighe eadar an t-Òban agus Loch Baghasdail bho Dhidòmhnaich seo tighinn.
Thàinig e am bàrr gu bheil trioblaid leis an t-siostam gus daoine fhaighinn far MV Isle of Mull ann an èiginn a' fàgail gum feum an àireamh de luchd-siubhail air bòrd a chuingealachadh gu mòr.
Tha rùm air an aiseag airson 900 duine.
Thàinig an trioblaid am follais nuair a bha an t-aiseag san doc airson seirbheis bliadhnail.
Thuirt CalMac gur dòcha gum bi "grunn mhìosan" mus tèid an suidheachadh a chur ceart is duilgheadas ann na pàirtean a dh'fheumas iad fhaighinn.
Thuirt a' chompanaidh cuideachd gur ann ainneamh a bhios barrachd na 45 neach airson siubhal air seirbheis Loch Baghasdail aig an àm seo den bhliadhna, is nuair a chaidh na riaghailtean ùra a thoirt a-steach, nach robh seòladh ann le barrachd air 45 neach air bucadh.
Ach tha cathraiche na comhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robastan, ag ràdh gur e buille eile a tha seo is gu bheil e a' cur às ùr ri dìth misneachd mhuinntir Uibhist mun t-slighe aiseig à Loch Baghasdail.
"Feumaidh mi a ràdh gu bheil e gu math draghail seo a chluinntinn is mar a thuigeadh tu tha sinn air tòrr ghearannan fhaighinn", thuirt Mgr Robasdan.
"Tha an t-seirbheis seo gu h-àraidh a-mach à Loch Baghasdail air fulang gu mòr bho chionn dhà no trì bhliadhnaichean.
"Tha daoine a' ceasnachadh carson a se sinne a th' ann fad an t-siubhail, nuair a tha duilgheadas sam bith ann carson a se sinne a tha a' fulang is carson nach eilear a' sgaoileadh air feadh na lìonra na duilgheadasan a tha seo an àite a bhith a' bualadh air aona shlighe fad an t-siubhail", thuirt e.
Thuirt Mgr Robasdan gun do dh'innis e do ChalMac gu bheil daoine air misneachd a chall san t-seirbheis à Loch Baghasdail is gur e sin gu ìre a bu choireach gu bheil na h-àireamhan a tha ga cleachdadh car ìosal.
Tha e ag ràdh gun cuir an suidheachadh ùr seo ris an trioblaid sin is gun cuir e maill às ùr air oidhirp an t-seirbheis à Loch Baghasdail a chur air bun-stèidh nas cinntiche.
"Tha e gu math draghail dhuinn nach eil an t-slighe seo a' faighinn cothroim a bhith seasmhach fad an t-siubhail is far am faiceadh tu, tha mi cinnteach, na h-àireamhan ag èirigh a-rithist.
"Tuigidh tu carson a bhiodh daoine mì-thoilichte mu dheidhinn seo: tha iad air iomairt mhòr a dhèanamh a thaobh an t-slighe a dhèanamh nas seasmhaiche agus chan eil iad a' faighinn èisteachd.
"Bha sinn an dòchas air a' bhliadhna seo tighinn gum biodh cùisean na b'fhasa ach a rèir choltais tha mìosan de dhuilgheadasan gu bhith againn".
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh6 An Dùbhlachd 2024