Dh'fhaodadh dàil a dhol air fo-stèisean ùr SSEN

Drochaid Dhubh faisg air a' MhanachainnTùs an deilbh, GEOGRAPH/BILL HARRISON
Fo-thiotal an deilbh,

Tha draghan ann mu na bhiodh ann de làraidhean a' dol tarsainn na Drochaid Duibh

  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gun tèid dàil air fo-stèisean dealain mòr faisg air a' Mhanachainn agus draghan ann mu bhuaidh na h-obrach-togail air seann drochaid.

Tha SSEN airson fo-stèisean ùr a thogail aig Fàn Eilean airson dèiligeadh ris an dealan a bharrachd a thigeadh bho sgeamaichean cumhachd ath-nuadhachail.

Tha iad am beachd stuth a ghiùlain ann an làraidean tarsainn na Drochaid Duibh airson dusan uairean a thìde a h-uile là airson còig bliadhna.

Thog oifigearan planaidh Comhairle na Gàidhealtachd draghan mu bhuaidh na h-obrach seo seachd là san t-seachdain, agus mhol iad gun tèid drochaid ùr a thogail mus bi cead aig trafaig a' phròiseict an t-slighe a chleachdadh.

Tha ùrachadh air an Drochaid Dhuibh san amharc ach cha tachair sin ro 2027 agus, ma thèid gabhail ri molaidhean nan oifigearan, faodaidh sin dàil a chur air obair SSEN.

Bhathar a' moladh slighe ùr eadar-amail tro Chill Taraglain ach chuir muinntir an àite an aghaidh seo agus, mar an ceudna, bha oifigearan planaidh den bheachd nach robh an t-slighe sin freagarrach.

Thuirt SSEN gu bheil iad ag aithneachadh gur dòcha gum bi buaidh ann aig ìre ionadail nuair a tha obair-togail a' dol air adhart, ach ma thèid cead-dealbhachaidh a thoirt seachad gun obraich iad le Comhairle na Gàidhealtachd agus a' choimhearsnachd ionadail gus seo a lùghdachadh.

Tha cuid sa choimhearsnachd air draghan a thogail mu na planaichean aig SSEN san fharsaingeachd.

Tha iomagain orra mun bhuaidh air an sgìre agus mu ùpraid a thaobh trafaig is turasachd fhad 's a thathas ga thogail.

Air a' mhìos seo chaidh, thàinig còrr air 50 comhairle coimhearsnachd air a' Ghàidhealtachd còmhla is iad ag iarraidh stad a chur air tuilleadh leasachaidhean mòra cumhachd gus an tèid poileasaidh nàiseanta a dhèanamh air am buaidh air an sgìre.

Tha SSEN air a ràdh gu bheil an leasachadh aig Fàn Eilean deatamach agus gun toir e spionnadh don eaconamaidh ionadail agus tro cheann a tuath na h-Alba le bhith ag ùrachadh an lìonra dealain.