Sia làithean stailce aig Oilthigh Obar Dheathain

Tha iomairtean a' leantainn an aghaidh nam planaichean aig Oilthigh Obar Dheathain
- Air fhoillseachadh
Thèid luchd-obrach aig Oilthigh Obar Dheathain air stailc an ath-mhìos is iad a' cur an aghaidh phlanaichean gus ceumanan cànain a ghearradh.
Fo na planaichean, cha bhi ceumanan singilte air an tabhainn bho seo a-mach ann an Gàidhlig, Fraingis, Gearmailtis no Spàinntis.
Tha Oilthigh Obar Dheathain ag ràdh gu bheil iad ann an suidheachadh ionmhais doirbh is gu bheil àireamhan air cùrsaichean cànain a' tuiteam.
Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann bho nochd na planaichean ge-tà, le iomairtean nan aghaidh is an gnothach air a dheasbad ann am Pàrlamaid na h-Alba, taobh a-muigh.
Tha Aonadh nan Oilthighean is nan Colaistean (UCU) a-nise air innse gum bi sia làithean stailce ann aig Oilthigh Obar Dheathain sa Mhàrt.
Tha iad ag ràdh gu bheil 30 dreuchd ann an cunnart.
Bidh buill an aonaidh san oilthigh a' coiseachd a-mach an toiseach Dimàirt an 12 den Mhàrt.
Tha na làithean air fad mar a leanas:
Dimàirt an 12na den Mhàrt
Diardaoin an 21mh den Mhàrt
Dihaoine an 22na den Mhàrt
Diluain an 25mh den Mhàrt
Dimàirt an 26mh den Mhàrt
Diciadain an 27mh den Mhàrt
Bhòt 60% den bhallrachd uile gu lèir is chuir 80% de na bhòt taic ris na stailcean.
Bidh iomairt-obrach ann cuideachd le luchd-obrach ag obair a rèir an cuid chùmhnantan is cha tèid clasaichean a bhios air an cur dheth ri linn na h-iomairt a chur air dòigh às ùr.
A thuilleadh air seo, bidh railidh aig an aonadh is Comann Oileanach Oilthigh Obar Dheathain aig làrach an oilthigh Diluain an 26mh den Mhàrt.
Thuirt an Dr Raonaid Shanks, cathraiche meur Obar Dheathain den UCU, gur e stailc "an rud mu dheireadh a bha luchd-obrach ag iarraidh", ach nach robh dol às aca, is i ag ràdh nach robh àrd-mhanaidsearan deònach obrachadh còmhla riutha feuch fuasgladh a lorg.
"Tha cothrom ann fhathast aonta a ruighinn is tha sinn ag iarraidh air àrd-mhanaidsearan bruidhinn rinn is dòigh a lorg gus cliù an oilthigh a shàbhaladh is 30 cosnadh a ghlèidheadh", thuirt i.
Thuirt neach-labhairt bho Oilthigh Obar Dheathain gur e briseadh-dùil a th' anns na stailcean is gu bheil coltas ann gun gabh sàbhalaidhean ann an roinn nan cànanan a choileanadh tro luchd-obrach a bhith a' fàgail len toil fhèin.
Thuirt iad cuideachd gu bheil molaidhean làidir air tighinn à co-chomhairle a chuireas teagaisg chànanan san oilthigh ann an suidheachadh seasmhach san àm ri teachd.
Tha an t-oilthigh ag ràdh gu bheil iad fhathast a' còmhradh ris an UCU feuch aonta a ruighinn is stailcean a sheachnadh.
Dh'innis iad gun tèid ceumanan a chur an sàs gus buaidh sam bith air oileanaich a lùghdachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh11 An Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh13 An Dùbhlachd 2023