Fosailean an Eilein Sgitheanaich aig 40
- Air fhoillseachadh
1 de 8
Tha 40 bliadhna ann bho nochd iris saidheans an toiseach le fiosrachadh mu fhosail dhìneasair a chaidh a lorg san Eilean Sgitheanach.
Cha robh Julian Andrews ach na oileanach, aois 22 aig an àm, ach b' e a rinn aithris an toiseach air na fosailean a tha air fàs cho aithnichte ann an eachdraidh agus sgeulachd an Eilein.
Bha an t-Oll. Andrews - mar a tha air an-diugh - air tachairt air lorg dhìneasair ann an 1982 is e air turas rannsachaidh do sgìre Thròndairnis, gun fhios an toiseach dè dìreach a bh' ann.
On uair sin tha luchd-saidheans air a bhith a' sgrùdadh nan ceudan de dh'fhosailean bho iomadh àite air feadh Eilean a' Cheò.
Cead do stuth Twitter?
Tha stuth Twitter an cois an artaigil seo. Tha sinn a’ sireadh cead bhuat mus tèid sìon luchdachadh, oir dh’fhaodadh iad ‘briosgaidean’ agus teicneòlas eile a chur an sàs. ‘S dòcha gum biodh tu airson poileasaidh nam briosgaidean aca a leughadh, taobh a-muigh a leughadh agus am poileasaidh prìobhaideachd aca, taobh a-muigh mus tèid thu air adhart. Airson sùil a thoirt air an stuth seo, tagh ‘Gabh ris agus lean ort’.
Cha robh Julian Andrews a' coimhead airson fhosailean fhad' 's a bha e air an turas dhan Eilean Sgitheanach. Bha e a' lorg barrachd fiosrachaidh mu eachdraidh nan creagan.
"Chuir mi mo làmh air pìos cloich-aoil..." thuirt e, "agus smaoinich mi rium fhèin, 'tha suid neònach, tha cnap an sin.'
"Thuig mi às dèidh mionaid... bha mi a' faicinn trì òrdagan!"
Tha fosailean an Eilean Sgitheanaich eadar 162 millean agus 175 millean bliadhna de dh' aois, bho mheadhan na Linne Diùrasaiche, mar a th' aig eòlaichean air.
Tha luchd-saidheans den bheachd gun tàinig atharrachadh mòr air dìneasaran aig an àm sin.
Mhìnich Dùghall Ros bho Thaigh-tasgaidh Dìneasair Stafainn. "Bha am fosail sin uabhasach cudromach do luchd-eòlais air sàileabh na h-aois aige, bha e suas ri 200 millean bliadhna de dh’aois, agus chan eil mòran àiteachan air feadh an t-saoghail a gheibh sinn creagan cho sean ri sin."
Stèidhich Dùghall Ros an taigh-tasgaidh ann an 1976, is e air an sgoil fhàgail nuair a bha e 15. Aig an àm b' e fosailean de bheathaichean eile a bha e a' lorg timcheall air Stafainn.
"Tha an t-Eilean Sgitheanach uabhasach freagarrach airson fosailean fhaighinn air sàilleibh aois nan creagan.
"An iomadach àite air feadh an eilein gheibh sinn fosailean, chan e fiù ‘s fosailean dìneasair ach fosailean de bheathaichean eile a bha beò aig an aon àm ris na dìneasaran coltach ri fosailean bhon mhuir coltach ri Ammonites agus Belemnites agus tha an t-uabhas de mheasgachadh de bheathaichean bho thìr coltach ri crogallan agus turtaran agus iomadach beathach eile."
Cha b'e luchd-saidheans a-mhàin a tha air am beò-glacadh le na fosailean. Tha Lauren Gault ag obair air pìosan ealain co-cheangailte riutha.
Tha Lauren air ùine a chur seachad a bhith a' lorg fhosailean i fhèin, agus tha sin ga brosnachadh leis an ealain aice. Bidh i a' dol am measg nan creagan gus na dealbhan aice a dhèanamh agus cuideachd a' toirt sùil nas mionaidaiche air cuid aca gus na pìosan beaga bìodach a shealltainn anns na bhios i a' cruthachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh22 An Gearran 2022
- Air fhoillseachadh23 An Gearran 2022
- Air fhoillseachadh12 Am Faoilleach