Dà shoitheach ùr air Caolas na Hearadh?

MV Loch Portain
  • Air fhoillseachadh

Tha CMAL a' coimhead air mar a ghabhadh dà bhàta-aiseig a chur air slighe Chaolas na Hearadh mar phàirt den obair gus soitheachan ùra a thogail don dà sheirbheis eadar-eileanan sna h-Eileanan an Iar.

Bhiodh, ge-tà, obair leasachaidh a dhìth air port an t-Òib airson sin - obair a bhiodh an urra ri Comhairle nan Eilean Siar, leis a bheil am port, ach aig nach eil maoineachadh airson an leithid an-dràsta.

Tha sgrùdadh ùr air grunnd na mara cuideachd air sealltainn gun tèid soitheach le doimhneachd 2.14m a chleachdadh eadar na Hearadh agus Beàrnaraigh seach an 1.5m a th' aig an MV Loch Portain.

Tha CMAL, Còmhdhail Alba agus CalMac air sreath choinneamhan a chumail an t-seachdain seo gus beachdan fhaighinn air na planaichean aca, le dùil ri tuilleadh choinneamhan aig toiseach 2026.

Cidhe an t-Òib
Fo-thiotal an deilbh,

Bhiodh feum air obair leasachaidh aig cidhe an t-Òib nam biodh bàta-aiseig air a ceangal an sin tron oidhche.

Tha an MV Loch Àlainn a' ruith eadar Èirisgeigh agus Barraigh an-dràsta, leis an MV Loch Portain air an t-slighe eadar na Hearadh agus Beàrnaraigh.

Tha òrdugh airson seachd bàtaichean mar-thà le gàrradh anns a' Phòlainn, mar phàirt de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga.

Tha CMAL a' feuchainn ri bàtaichean ùra a dhealbh airson an dà shlighe seo, ach le feumalachdan sònraichte aig gach tè dhiubh, chan eil sin furasta.

Mhìnich Lewis Hammell, Manaidsear Teicnigeach aig CMAL, gur e bàta 'Euro B' a bhios a dhìth agus tha na soitheachan a thathar a' togail an-dràsta freagarrach a thaobh nan riaghaltean sin, ach tha cnapan-starra eile anns na h-Eileannan an Iar.

"Gu sònraichte air Caolas Bharraigh," thuirt e.

"Tha e gu math fosgailte le suail is gaoth tric na thrioblaid agus tha duilgheadasan eadar-dhealaichte air Caolas na Hearadh leis nach eil doimhneachd ann a bharrachd air a' ghaoith agus an suail nas àirde na tha air cuid ne na slighean air a' chiad ìre."

"Eòlach air a h-uile creig air an t-slighe"

Chaidh sgrùdadh ùr a dhèanamh air slighe-aiseig Chaolas na Hearadh mar phàirt den phròiseact seo agus tha sin a' sealltainn gu bheil cothrom, leis an t-slighe atharrachadh rud beag, beagan a bharrachd doimhneachd a bhith aig soitheach ùr sam bith.

Bho shealladh CMAL tha buannachdan an sin a thaobh cofhurtachd agus cho èifeachdach 's a bhiodh am bàta a thaobh connaidh no cumhachd nam bataraidhean is dùil gur e aiseag-dealain a bhiodh ann.

Tha ceistean a' leantainn ge-tà, a thaobh buaidh na tìde-mara agus "dragh" air Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Ùisdean Robasdan.

"Tha mi gu math eòlach a' dol a Bheàrnaraigh agus a' bruidhinn ri daoine a tha air a bhith air an t-slighe sin airson 80 bliadhna agus tha iad eòlach air a h-uile creig a th' air an t-slighe.

"An rud mu dheireadh a tha a dhìth oirinn, 's e nach biodh na h-uiread de sheòlaidhean ann," thuirt e.

Planaichean nan aiseagan-beaga
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh na planaichean airson nan soitheachan a shealltain aig tachartasan an t-seachdain seo

Cha b' e doimhneachd an aon rud a tha a' cur bhacaidhean air luchd-deilbh nam bàtaichean. Tha cuideachd cho fada 's a ghabhadh iad a bhith.

Tha Còmhdail Alba a' dèanamh dheth gum feum rùm a bhith ann do 29 càr (no PCU mar a th' aig an sgioba teicnigeach orra) eadar Barraigh is Èirisgeigh, agus chan eil sin na dhuilgheadas, ach tha iad den bheachd gur e 45 a dh'fheumadh a bhith ann eadar an t-Òb is Beàrnaraigh is cha ghabh sin dèanamh air soitheach 50 meatair a dh'fhaid.

"Tha sin seachad air aiseag beag," thuirt Mgr Hammell. "Tha am plana a th' againn an-dràsta mu 34 PCU agus tha sinn a' feuchainn ri sin a thoirt cho àrd 's a ghabhas.

"Chan eil e coltas gum faigh sinn faisg air na 45 ach tha roghainnean eile air a bheil sinn a' coimhead leithid dà shoitheach a chur air an t-seirbheis."

Bha mòran airson dà aiseag fhaicinn air Caolas na Hearadh aig na coinneamhan poblach ach chan eil cùisean cho buileach sìmplidh ri bàta eile a thogail.

Bhiodh cosgaisean na lùib, agus dh'fheumte àite air a son tron oidhche leis nach eil an MCA air cead a thoirt a bhith a' siubhal air an t-slighe sin gun solas an là a bhith ann.

Dh'fheumadh sin leasachaidhean aig Cidhe an t-Òib ach chan eil sin an urrra ri CMAL. 'S ann le CnES a tha e agus chan eil Ùisdean Robasdan den bheachd gur e rud furasta a bhiodh sin.

"Chan eil am maoineachadh againn aig an àm seo, an lùib nan trioblaidean eile a th' againn ach tha na còmhraidhean sin air a bhith a' dol air adhart.

"Bha comhairliche na Hearadh a' bruidhinn mu dheidhinn nam feumalachdan a th' ann a thaobh na h-eaconomaidh agus a thaobh nan iasgairean agus am feum a dhèanadh e dhan sgìre sin.

"Mar sin, feumaidh sinn cumail oirnn leis an iomairt airson 's gun tachair sin," mìnich e.

MV Loch Portain
Fo-thiotal an deilbh,

Bha am pròiseact ag amas air soitheach a ghabhadh 45 càr air bòrd, ach chan eil sin gu bhith comasach

Tha ceistean maoineachaidh fhathast rim freagairt aig CMAL cuideachd leis nach eil Riaghaltas na h-Alba air an t-airgead a ghealltainn dhaibh airson nan aiseagan seo fhathast.

Tha dùil ris a' cho-dhùnadh sin tràth an ath-bhliadhna, agus ma thèid cùisean leotha, thathar an dòchas a' chiad bhàta ùr fhaicinn ro dheireadh 2029.