Obair air tòiseachadh air bàtaichean-aiseig ùra dealain

- Air fhoillseachadh
Thòisich obair air seachd bàtaichean-aiseig beaga ùra a thogail do ChalMac aig gàrradh anns a' Phòlainn.
Tha a' chompanaidh Remontowa, a tha stèidhichte ann an Gdańsk, a' togail nan soithichean, a bhios a' ruith gu tur air dealan.
Tha dùil gum bi a' chiad tè aca deiseil ann an 2027.
Thèid na soithichean ùra a chur air slighean Eilein Ì, Chaol an t-Snàimh, Fisinis, Port a' Mhadaidh, Ratharsair, Cille Chomhghain agus Giogha.
Fhuair Remontowa an cùmhnant sa Mhàrt am-bliadhna, le Riaghaltas na h-Alba air £160m a chur ris a' chiad ìre den phròiseact gus bàtaichean beaga ChalMac ùrachadh - Prògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga.
'S e seo a' chiad turas a thèid soithichean a tha a' ruith gu tur air dealan a chur air slighean aiseig ChalMac.
"Tha gearradh a' chiad stàilinn a' comharrachadh toiseach togail a' chabhlaich ùir againn de shoithichean beaga," thuirt Àrd-Oifigear CMAL, Kevin Hobbs.
"Bheir na soithichean seo comas giùlain a bharrachd agus buannachdan chumhachd ghlan do choimhearsnachdan eileanach is dùthchail.
"Tha obair aig a' ghàrradh a' dol gu math, a' togail air an dàimh làidir a th' againn le Remontowa, a th' air soithichean a thogail gu soirbheachail mar thà airson lìonra na h-Alba."
Tha seo a' tachairt agus CalMac a' cumail sreath de choinneamhan aghaidh ri aghaidh air feadh nan Eilean Siar an t-seachdain seo airson beachdan dhaoine a thrusadh mu aiseagan Chaolas na Hearadh agus Chaolas Bharraigh.
Thèid soithichean ùra a thogail dhan dà aiseag sin anns na dàrna ìre de Phrògram Ùrachaidh nan Aiseagan Beaga.