Ceist am Barraigh a bheil CalMac a' coileanadh dleastanas an cùmhnaint

Tha maill air an MV Isle of Lewis a thilleadh à obair-càraidh
- Air fhoillseachadh
Tha Buidheann Còmhdhail Bharraigh air ceasnachadh a bheil co-dhùnaidhean a chaidh a dhèanamh mun t-seirbheis aiseig aca laghail.
Sgrìobh a' bhuidheann gu ceannardan ChalMac agus na buill-phàrlamaid Albannach Alasdair Allan agus Rhoda Ghrannd a' dèanamh dheth gu bheil CalMac air fàiligeadh nan dleastanasan a bhith a' toirt seachad seirbheis dheatamaich - agus gur dòcha gu bheil seo a' briseadh an cùmhnaint.
Tha seirbheis aiseig Bharraigh air a bhith ga cuingealachadh gu mòr thar nam mìosan mu dheireadh.
Tha an soitheach as àbhaist a bhith ga frithealadh air falbh 'son obair-càraidh, agus tha trioblaidean mòra le siostam sàbhailteachd na tè a th' aca an-dràsta, a' fàgail nach gabh ach 45 neach-siubhail a ghiùlain air gach seòladh.
Tha Buidheann Còmhdhail Bharraigh air ceistean a chur mu choinneimh cheannardan ChalMac air a bheil seo dha-rìribh a' riochdachadh "seirbheis dheatamach".
Bun-seirbheis
"Saoilidh mise, thairis air an dà mhìos mu dheireadh, gu bheil e air faileachadh air CalMac seirbheis dheatamach a thoirt seachad don eilean," thuirt Brian Currie bhon bhuidhinn.
"'S e an rud a theirinnsa mar fhear-gnothaich, thathar a' pàigheadh airson seirbheisean ach chan eilear gam faighinn.
"Tha fhios gu bheil dleastanas air choireigin anns a' chùmhant bun-seirbheis a thoirt seachad.
"Dè a' bhun-seirbheis a tha sin? Tha fhios gur e seirbheis do luchd-siubhail a th' ann."
Tha a' bhuidheann a-niste a' feuchainn ri toirt air Righaltas na h-Alba agus CalMac dreach den chùmhnant fhoillseachadh air neo mìneachadh dè dìreach a tha "seirbheis dheatamach" a' ciallachadh.
Thuirt CalMac gu bheil e mì-fhortanach gun robh aca ri cuingealachadh cho mòr a dhèanamh air àireamhan luchd-siubhail, ach gu bheil an t-seirbheis air a bhith freagarrach a' mhòr-chuid den ùine.
Dh'aidich iad gu bheil a' mhaill ann a bhith a' tilleadh a' bhàt-aiseig an MV Isle of Lewis air a bhith "fada bhon ire" a bhiodh iad ag iarraidh, ach gum biodh seirbheisean rèidh a-rithist Diluain.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh26 An Gearran