Aiseag Bharraigh: "Chan eil CalMac airson èisteachd idir"
An Còmh. Ùisdean Robasdan a' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt
- Air fhoillseachadh
Chuir cathraiche na còmhdhail aig Comhairle nan Eilean Siar a thaic ri gearan Comataidh Còmhdhail Bharraigh mu sheirbheis aiseig an eilein.
Thuirt Ùisdean Robasdan gu bheil muinntir an eilein le suidheachadh mì-chothromach mu an coinneimh, agus gearran ann air an eilean nach eil àite ri fhaotainn air a' bhàta-aiseig gu tìr mòr air an deireadh-sheachdain, agus na sgoiltean gu bhith dheth.
Tha sin ri linn an MV Isle of Mull, am bàta-aiseig a tha aca an-dràsta, a bhith air a cuingealachadh gu bhith a' giùlain 45 duine de luchd-siubhail a-mhàin, air adhbharan sàbhailteachd.
Thuirt Comataidh Còmhdhail Bharraigh gu bheil iad fhèin den bheachd nach do thachair seo riamh ann an eachdraidh ChalMac.
A rèir na buidhne, chan eil àite ann air an aiseag eadar an 12na is an 16mh den mhìos.
Thuirt Brian Currie bhon chomataidh gu bheil "èiginn" ann is gur e "fàilligeadh cho mòr is nach eil mi cinnteach gun gabh a thomhas" a tha seo.
A thuilleadh air CalMac fhèin, rinn Mgr Currie càineadh cuideachd air riochdairean poileataigeach Bharraigh is e ag ràdh nach d'fhuair na h-eileanaich mòran de thaic bhuapa ged a bha iad air draghan a thogail bho chionn grunn sheachdainean.

Chan eil àite an-dràsta ach do 45 neach-siubhail air an MV Isle of Mull
Às dèidh bruidhinn ri muinntir Bharraigh oidhche Luain, tha Ùisdean Robasdan ag ràdh gu bheil CalMac air a bhith righinn sa chùis.
"Tha mi fhèin air a bhith ag argamaid ri CalMac agus Còmhdhail Alba timcheall air seo, ach tha mi air fhaicinn an turas seo gu bheil iad air na sàilean aca a chladhach a-staigh gu math domhain," thuirt e.
"Chan eil iad airson èisteachd idir timcheall air an argamaid a tha muinntir Bharraigh a' dèanamh, ag ràdh "tha eileanan eile mar gum biodh le dhà no thrì aiseagan" agus iad ag ràdh "carson nach urrainn dhuinn mar eisimpleir an Isle of Arran no an Lord of the Isles fhaighinn, agus an t-aiseag seo a ghluasad sìos nas fhaisge air puirt san Òban."
Tha an MV Isle of Lewis, a bhios mar as trice a' seòladh eadar Barraigh is an t-Òban, an-dràsta san doc airson seirbheis bliadhnail.
Na h-àite eadar an 2na den Ghearran is an 3mh den Mhàrt tha an MV Isle of Mull is i cuideachd air an t-slighe eadar Loch Baghasdail is an t-Òban.
Ach nochd trioblaid leis an t-siostam gus daoine fhaighinn far an Isle of Mull ann an èiginn nuair a bha i fhèin san doc.
Dh'fhàg sin gum b' fheudar do ChalMac casg rè ùine a chur air an àireimh de dhaoine a tha ceadaichte siubhal oirre - bho chòrr is 900 gu 45.
Tha an fhearg air Brian Currie bho Chomataidh Còmhdhail Bharraigh
Ann am brath a chuir iad gu BBC Naidheachdan oidhche Luain, thuirt CalMac gun do dh'innis iad san Dùbhlachd gum biodh an Isle of Mull a' frithealadh air Loch Baghasdail is Bàgh a' Chaisteil 'son ùine is le àireamh nas lugha de luchd-siubhail.
Cha robh trioblaidean ann tron Fhaoilleach is tràth sa Ghearran, thuirt iad, agus 'son a' mhòr-chuid den àm eadar an 2na den Ghearran is an 3mh den Mhàrt gu bheil àireamhan de luchd-siubhail air an dà shlighe "cho ìosal" is gun dèan an Isle of Mull an gnothach air an iarrtas a th' ann a choileanadh.
Thuirt iad le àireamhan nas ìsle air seòlaidhean Uibhist a Deas gu bheil barrachd sheòlaidhean air Caolas Bharraigh gus am faigh Barraich air seòlaidhean à Loch Baghasdail agus cuideachd à Loch nam Madadh a chleachdadh.
Tha CalMac ag ràdh gu bheil an MV Clansman, an MV Alfred is an MV Isle of Lewis san doc an-dràsta is gu bheil obair-càraidh a' leantainn air an MV Caledonian Isles, is gu bheil seo uile a' toirt buaidh air na roghainnean a th' aca.
Thuirt iad gu bheil iad air a bhith a' conaltradh ri Comataidh Còmhdhail Bharraigh is gun deach coimhead air molaidhean bhuapa, ach nach robh gin ann nach biodh air troimhe-chèile a bharrachd adhbharachadh air slighean eile.
Tha a' chompanaidh ag ràdh gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil làithean-saora sgoile ann ach gu bheil seo fìor air feadh na lìonra.
Thuirt CalMac cuideachd gu bheil planaichean ann an àite ma 's e is gum bi feum air turas èiginneach air adhbhar meadaigeach no eile.
Troimh-a-chèile
Ann am brath-naidheachd, thuirt neach-labhairt air Còmhdhail Alba: "Fon chùmhnant tha dùil againn gum bi CalMac a' lìbhrigeadh sheirbheisean riatanach agus a' ceangail choimhearsnachdan eileanach còmhla. Tha adhbharan teicnigeach agus obair-càraidh bhliadhnail a' fàgail gum feumar tuilleadh atharrachaidhean a thoirt air feadh an lìonra airson dèanamh cinnteach gun lean sin.
"Tha sinn ag aithneachadh gu bheil an dàil agus an troimh-a-chèile gu mì-fhortanach air droch bhuaidh a thoirt air na coimhearsnachdan eileanach againn agus tha an riaghaltas seo gu daingeann airson taic a chumail ri na seirbheisean aiseig againn.
"Tha an t-amas againn airson sia soithichean ùra cudromach airson lìonra aiseagan na h-Alba a fhrithealadh air tòiseachadh às dèidh dhan MV Glen Sannox a chur ann an seirbheis air an 13mh Am Faoilleach 2025. 'S e toiseach tòiseachaidh a bhios an seo airson piseach a thoirt air an t-suidheachadh agus bidh CalMac ag obair leis a h-uile goireas a tha ri fhaighinn airson an t-seirbheis as fheàrr a lìbhrigeadh air na slighean eileanach againn air feadh a' chosta an iar.
"Tha sinn cuideachd a' cur ionmhais luach suas ri £200m an sàs airson ceithir soithichean cudromach fhaighinn airson sheirbheisean air an t-slighe a dh'Ìle a thathas a' togail an-drasta san Tuirc", thuirt iad.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh10 An Gearran
- Air fhoillseachadh30 An Dùbhlachd 2024
- Air fhoillseachadh29 An Dùbhlachd 2024