Euslainteach eileanach cha mhòr "air a glùinean" aig siubhal

Pam Roe is Lily
  • Air fhoillseachadh

Tha euslainteach le aillse air innse do BhBC Naidheachdan gu bheil i an ìre mhath "air a glùinean" ri linn an duilgheadais a th' ann siubhal gu leigheas agus a dh'fhaicinn doctairean sònraichte.

Chaidh draghan a thogail roimhe mun bhuaidh aig seirbheisean còmhdhail anns na h-Eileanan an Iar air slàinte euslainteach.

Dh'atharraich an t-seirbheis adhair eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh air a' mhìos seo chaidh is Hebridean Air Services a-nise ga toirt seachad seach Loganair mar a bha.

Tha dragh gu bheil seo a' toirt buaidh air faighinn air ais agus air adhart, agus tha cion àitichean air aiseagan a' cur ris an trioblaid.

Chan eil Pam Roe na h-aonar a' gearan mun seo, a rèir na tha ri fhaicinn air na meadhanan-sòisealta, ach tha an sgeulachd aice na samhla air an t-suidheachadh.

"An-dràsta, cha mhòr nach eil mi a' faireachdainn gu bheil mi air mo ghlùinean," thuirt i.

"B' urrainn dhomh a bhith a' gul gu tric a dh'innse na fìrinn."

Thòisich i a bhith a' faighinn leigheis anns a' Ghiblean an-uiridh, ach aig an àm sin bha siubhal air itealan air ais agus air adhart na b' fhasa.

'S ann Diciadain a bhios clionaig an lannsair aig Pam ann an Ospadal an Ràthaig Mhòir.

Tursan Fada

"Mar a tha cùisean an-dràsta, seo na roghainnean a th' agam - dh'fhaodainn sgèith a Steòrnabhagh feasgar Dimàirt agus bhiodh agam ris an oidhche a chur seachad ann an Steòrnabhagh, agus an uair sin dh'fhaodainn plèana fhaighinn a dh'Inbhir Nis anns a' mhadainn Diciadain.

"Dheadhainn chun na clionaig, ach chan eil e furasta tilleadh an taobh sin, agus 's e an rud as luaithe dhomhsa leum air trèana agus a dhol a Ghlaschu, an oidhche a chur seachad an sin, agus an uair sin sgèith à Glaschu air an Diardaoin."

Tha na tursan seo a' toirt buaidh mhòir air Pam.

"Bha an turas mu dheireadh agam dìreach às dèidh leigheas ceimeo-theiripe, agus chan eil mi a' faireachdainn gun d' fhuair mi seachad air," dh'innis i.

Tha an ath thuras aice an t-seachdain seo. Chan eil suidheachain air a' phlèana agus leis nach eil rùm air an aiseag airson càr, chan eil roghainn aice ach a dhol mar neach-coise.

"Bidh mi a' fàgail aig 06:00m agus 's dòcha nach till mi gu 8:30f".

Plèana Hebridean Air Services

Chuir Pam fios air comhairlichean agus na buill-phàrlamaid.

Thog Ball-Pàrlamaid Albannach nan Eilean Siar, Alasdair Allan, ceist mun bhuaidh aig atharrachaidhean aig Loganair air euslaintich anns an sgìre an t-seachdain seo chaidh.

Thuirt e gu bheil e air seo a thogail le companaidhean còmhdhail agus le ministearan Riaghaltas na h-Alba, a th' air iarraidh air HITRANS plana-gnìomha a chur ri chèile airson ceanglaichean còmhdhail do dh'euslaintich a leasachadh.

Ann am brath, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gur ann aig Hebridean Air Services a bha an aon thairgse a thàinig a rèir bhuidseat na Comhairle, agus a bha a' coileanadh a' chùmhnaint.

Thuirt iad gu bheil a' Chomhairle a' leantainn le conaltradh le Loganair, Hebridean Air Services agus HIAL gus ceanglaichean eadar na h-eileanan agus Inbhir Nis a leasachadh.

Chaidh beachd iarraidh bho NHS nan Eilean Siar.