Barrachd crìonaidh air a' Ghàidhlig sa choimhearsnachd an Siabost

Siabost
  • Air fhoillseachadh

Tha a' Ghàidhlig a' sìor chrìonadh mar chànan coimhearsnachd ann an Siabost an Leòdhas, a rèir mhuinntir na sgìre.

Fhuair sgrùdadh mòr a rinn Sabhal Mòr Òstaig do Bhòrd na Gàidhlig ann an 2011 gun robh Gàidhlig aig tòrr san sgìre, ach gur e glè bheag a bha ga cleachdadh bho là gu là. Cho-dhùin iad gum biodh i marbh mar chànan coimhearsnachd ann an ginealach no dhà mura deadh rudèigin a dhèanamh.

Ach tha coltas a-nis gum faodadh an call sin tachairt nas luaithe na sin, a rèir na fhuair BBC Naidheachdan san sgìre.

Às dèidh sgrùdadh 2011, chaidh Fòram Gàidhlig Shiaboist a stèidheachadh feuch an gabhadh cùisean ath-bheòthachadh.

Bha Planaichean Gàidhlig ann airson na sgìre, nam measg rudan a chuir Comunn na Gàidhlig, CnaG, air dòigh do dh'òigridh. Ach airson cuid de na rudan sin theirig am maoineachadh.

Siabost

Tha cuid de na daoine òga a bha an sàs annta aig an àm ag ràdh gun d'fhuair iad bunnachd àsta. Tha faireachdainn ann ge-tà, gu bheil cleachdadh a' chànain sa choimhearsnachd air a dhol air ais bhon uair sin.

Tha Gillian NicIlleathain air tè dhiubh sin, a chaidh tro fhòghlam tro mheadhan na Gàidhlig agus a fhritheil iomairtean ChnaG nuair a bha i na b'òige. Tha i 24 bliadhna a dh'aois a-nis agus fhathast a' fuireach anns a' bhaile. Ach tha i ag ràdh gu bheil cleachdadh a' chànain sa choimhearsnachd air a dhol air ais.

Coltach i iomadh àite anns na h-Eileanan tha iomadh adhbhar ann nach eil na Gàidheil dhùthchasach fhèin ann an Siabost a' bruidhinn uiread dhen chànan.

Ach tha Gillian ag ràdh gu bheil atharrachadh air sluagh na sgìre a' dèanamh chùisean nas doirbhe cuideachd.

"Nuair a bha sinne na b'òige, tòrr dhen fheadhainn a bh' anns an sgoil, 's ann às an sgìre fhèin a bha iad. A-nis tha tòrr theaghlaichean air tighinn à tìr-mòr agus à Sasainn agus tha sin fhèin a' toirt buaidh mhòr air a' Ghàidhlig."

Mhìnich Gillian gu bheil gu leòr dhen fheadhainn a thàinig à tìr-mòr a' cur an cuid chloinne gu foghlam tro mheadhan na Gàidhlig, ach tha i ag ràdh gur e a' Bheurla a bhios a' chlann sin a' bruidhinn sa choimhearsnachd: "Chan eil i aca aig an taigh, 's chan eil i aca cho làidir. Nuair a bha mi fhèin anns an sgoil bha e gu tur eadar-dhealaichte."

Gillian NicIlleathain

Tha Dolaidh Joan NicIlleathain a-nis am measg nan daoine as sine anns a' bhaile, far an do chuir i seachad a beatha. Na beachd-se bha e gu math soilleir carson a bha nas lugha 's nas lugha de Ghàidhlig ri a cluinntinn anns na beagan bhliadhnaichean mu dheireadh, a dh'aindeoin Gàidhlig san sgoil.

"Tha na th' air tighinn a-steach bho thìr-mòr 's air taighean a cheannach. Chan e nach eil feadhainn aca a' feuchainn ri Gàidhlig ionnsachadh, ach chan eil cùisean Gàidhlig cho làidir 's a bha."

Tha feadhainn nach eil a' faicinn ciamar a ghabhas a' chùis tionndadh.

A' coimhead air ais air na 14 bliadhna bho chaidh rannsachadh 2011 a dhèanamh, thuirt Dolaidh Joan: "'S ann nas miosa a dh' fhàsas cùisean. Air an t-sràid-sa, chan eil eil orra ach muinntir Beurla. 'S e glè bheag a th' air fhàgail againn," thuirt i, 's i a' bruidhinn air Gàidheil dhùthchasach na sgìre.

Dolaidh Joan NicIlleathain

Le Comunn na Gàidhlig a' cumail co-labhairt ann an Steòrnabhagh an-diugh air Gàidhlig am measg òigiridh, tha rabhadh air tighinn bho fhear a tha gu math càinteil air slighe leasachaidh na Gàidhlig.

Thuirt an t-Ollamh Conchur Ó Giollagáin bho Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean: "Ma chumas sinn a' dol mar a tha sinn, càite am bi na daoine no na coimhearsnachdan a bhios a' bruidhinn na Gàidhlig gu nàdarra eatorra fhèin?"

Tha e ag ràdh gum feum sgeamaichean taice a bhith ann do theaghlaichean 's do dh'òigiridh ann an dòighean pragtaigeach airson cùisean a thionndadh mun cuairt, oir gu bheil iomadh coimhearsnachd eileanach eile anns an aon suidheachadh ri Siabost.

"Tha na Gàidheil ann an staing," thuirt e, 's dh'iarr e maoineachadh agus buidseatan ceart airson cùisean atharrachadh sna coimhearsnachdan.