Bhuannaich Na Dorsan tè de na duaisean ealain as motha am Breatainn

Na Dorsan Tùs an deilbh, RALPH TONGE
  • Air fhoillseachadh

Rinn carragh-chuimhne do luchd-strì an fhearainn an sgìre Ghabhsainn ann an Leòdhas a' chùis air ceithir pìosan-ealain poblach eile a bha a' staigh airson duais cliùitich.

Tha Na Dorsan air Duais Marsh 'son Sàr-Mhaitheis ann an Ìomhaigh Phoblach a bhuannachadh.

Na DorsanTùs an deilbh, RalphTonge

Chaidh a dhealbh às leth Urras Oighreachd Ghabhsainn leis an luchd-ealain ainmeil, Will Mac'illEathain agus Marian Leven, agus b' e an aon tagradh à Alba air geàrr-liosta na duaise.

Tha Will Mac'illEathain ag ràdh gur e "urram mòr a th' ann" aithne mar seo fhaighinn.

"Bha na ceithir ìomhaighean eile aig ìre ealantais fìor àrd. Tha sinne agus coimhearsnachd Ghabhsainn le chèile a' toirt taing do na britheamhan," thuirt e.

Will Mac'illEathain agus Marian Leven aig an taisbeanadh an Oifis Urras Ghabhsainn a' mìneachadh strì an fhearainn san sgìreTùs an deilbh, SANDIE NICÌOMHAIR
Fo-thiotal an deilbh,

Will Mac'illEathain agus Marian Leven aig an taisbeanadh an Oifis Urras Ghabhsainn a' mìneachadh strì an fhearainn san sgìre

Thuirt Jemma NicÌomhair, Àrd-mhanaidsear Urras Oighreachd Ghabhsainn: "Tha an duais seo ag aithneachadh lèirsinn chruthachail Will agus Marian ann a bhith a' dealbhachadh seo.

"Cleas na carraighean-cuimhne eile a chruthaich iad ann an Leòdhas, an Iolaire agus an Sùileachan, 's e àite cnuasachaidh agus brosnachaidh a th' ann," thuirt i.

Na Dorsan bhon adhar Tùs an deilbh, RALPH TONGE

Tha Na Dorsan a' samhlachadh treunas an t-sluaigh a rinn strì airson an cuid fearainn fhaighinn air ais an dèidh mar a chuireadh iad às na croitean iad airson tuathanas-chaorach a dhèanamh an Gabhsann.

Chaidh am baile a stèidheachadh às ùr ann an 1924 nuair a fhuair 52 teaghlaichean dachaighean ùra am Mealbost, Gabhsann a Deas agus Gabhsann a Tuath.

Tuilleadh air an sgeulachd seo