Itealan ùr don t-slighe eadar Beinn na Faoghla is Leòdhas?

Itelan Tecnam P2012 ann an Steòrnabhagh
  • Air fhoillseachadh

Tha riochdairean Comhairle nan Eilean Siar agus NHS nan Eilean Siar air sùil a thoirt air itealan Tecnam P2012.

Tha a' chompanaidh a tha a' ruith na seirbheis eadar Baile a' Mhanaich is Steòrnabhagh den bheachd gum biodh i na bu fhreagarraiche na am Britten-Norman Islander a th' aca an-dràsta.

Bho thòisich Hebridean Air Services air an t-slighe eadar Beinn na Faoghla is Leòdhas sa Ghiblean an-uiridh, 's e itealan Britten-Norman Islander a tha air a bhith aca.

Gabhaidh am pleàna buidhe ochdnar luchd-siubhail agus tha e tric air a chleachdadh gus daoine a ghiùlain às Uibhist is Barraigh dhan ospadal ann an Steòrnabhagh.

Tha mì-thoileachas mòr air a bhith ann mun t-seirbheis anns na mìosan mu dheireadh.

Am Britten-Norman Islander a tha aig Hebridean Air Services an-dràsta.
Fo-thiotal an deilbh,

Am Britten-Norman Islander a tha aig Hebridean Air Services an-dràsta.

Tha an t-slighe air a ruith fo òrdugh poblach PSO às leth Comhairle nan Eilean Siar.

Tha iad a sgèith trì là san t-seachdain; Diluain, Dimàirt agus Dihaoine.

Chan eil dùil aig an ìre seo gun atharraicheadh sìon dhen sin nan rachadh am pleàna ùr a chur an sàs, ach tha Airtask - a' chompanaidh leis a bheil Hebridean Air Services - den bheachd gum biodh cothroman leasachaidh an lùib a bhith a' cleachdadh an Tecnam P2012.

"Gabhaidh i barrachd luchd-siubhail (9)" thuirt Richard Watson, Ceannard Coimeirsealta Airtask, "agus tha doras nas motha oirre."

"Tha sin, agus gu bheil beàrn eadar na seataichean ga fhàgail tòrr nas fhasa do dhaoine faighinn air bòrd, agus dheth a-rithist".

Taobh a-staigh an Tecnam P2012
Fo-thiotal an deilbh,

Taobh a-staigh an Tecnam P2012

Mhìnich Mgr Watson do riochdairean na Comhairle agus an NHS gun robh an Tecnam comasach air siubhal na b' fhaide na tha an Islander, le comas barrachd cuideim a ghiùlain.

Thuirt e gun robh e cudromach don chompanaidh gum faigheadh luchd-siubhail an t-seirbheis a b' fheàrr a ghabhadh fon chùmhnant.

Bha ghrunn cheistean aig riochdairean an NHS gu sònraichte.

Dh' aidich Airtask nach biodh e comasach do dhaoine a dhol air bòrd ann an cathair-cuibhle, no ma bha fìor thrioblaidean aca coiseachd, ach bha a h-uile duine a bha an làthair aig Port Adhair Steòrnabhagh ag aontachadh gur e ceum air adhart a bhiodh ann am pleàna ùr a chur an sàs.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Bidh sin a rèir maoineachaidh a bharrachd - maoineachadh a tha Comhairle nan Eilean Siar an dòchas a gheibheadh iad bho Riaghaltas na h-Alba.

Airgead ann no às, bidh greis ann mus fhaicear am pleàna sgèith air ais 's air adhart eadar an dà eilean.

"Tha ghrunn cnapan-starra ri faighinn seachad air fhathast", thuirt Richard Watson.

"Tha e cudromach mìneachadh, fiù 's ma tha sinn a' dol air adhart le seo, bidh sia mìosan ann co-dhiù mus bi i ann an seirbheis.

"Tha sinn dìleas leis a' phròiseact seo ge-tà, agus tha sinn airson seirbheis nas fheàrr a thoirt seachad."

Itelan Tecnam P2012 ann an Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Bha CnES agus NHS nan Eilean Siar a' toirt sùil mhionaideach air a' phleàna.

Bha am pleàna ann am Beinn na Faoghla agus ann an Steòrnabhagh airson diofar dheuchainnean ach mar a bha dùil ro laìmh, cha robh trioblaid sam bith aca laighe agus na goireasan aig gach port-adhair a chleachdadh.

Dh' fhaodadh gum bi cothrom leasachaidh a bharrachd air fàire agus Airtask is Tecnam a' dèanamh air an Tràigh Mhòir ann am Barraigh.

Thèid deuchainnean a dhèanamh an sin ach thathar an dòchas gum biodh e comasach dhaibh laighe air a' ghainmhich.

Tha comhairlichean air a bhith ag iarraidh an t-seirbheis a leudachadh is Barraigh a fhrithealadh ach ged a tha an Britten-Norman Islander air laighe an sin roimhe, cha robh e cho freagarrach 's a tha leithid an Twin Otter a th' aig Loganair air na seirbheisean aca an sin.

Chan eil sìon anns a' chùmhnant eadar Hebridean Air Services agus CnES mu Bharraigh an-dràsta ach ma shoirbhicheas leis na deuchainnean an sin tha làn fhios gum bi a' Chomhairle, Muinntir Bharraigh agus am Bòrd Slàinte a' coimhead gu dlùth air mar a ghabhadh leithid de sheirbheis a chleachdadh.