Coinneamh le Rùnaire na Slàinte mu sheirbheis Hebridean Air Services

- Air fhoillseachadh
Thèid Rùnaire na Slàinte, Neil Gray, a Bheinn na Faoghla air an ath mhìos gu coinneimh a dheasbad dragh mu bhuaidh nan seirbhisean adhair air euslaintich agus luchd-obrach slàinte.
Tha an trioblaid air fàs nas miosa bho thug Comhairle nan Eilean Siar cùmhnant nan seirbheisean adhair eadar Steòrnabhagh agus Beinn na Faoghla do Hebridean Air Services sa Mhàirt.
Thug an t-ùghdarras ionadail cùmhnant ceithir bliadhna dhan chompanaidh an dèidh dhan chùmhnant le Loganair a thighinn gu ceann agus thòisich iad a' ruith nan seirbheisean sa Ghiblean.
Ged a tha an t-seirbheis a-nis ann trì là san t-seachdain seach a dhà, 's e plèana mòran nas lugha a tha aig Hebridean Air Services an taca ri Loganair.
Chan eil ach 8 àitichean air bòrd seach 48 agus tha draghan air nochdadh nach eil rùm gu leòr ann do dh'euslaintich is luchd-obrach slàinte.
Tha draghan ann cuideachd mu dhuilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith aig cuid - nam measg feadhainn a th' ann an cathair-chuibhle, a tha trom, no a tha dìreach air a dhol fo lannsa - faighinn air a' phlèana.
Agus tha iomagain ann mu cho tric 's a tha seirbheisean air an cuir dheth.
Chum Bòrd Slàinte nan Eilean Siar coinneamh shònraichte, taobh a-muigh mun chùis na bu thràithe air a' mhìos.
Thog aithisg a chaidh air beulaibh a' bhùird aig a' choinneimh sin dragh gum fàgadh ìre na seirbheis lùghdachadh ann an clionaigean a tha Ospadal an Ràthaig Mhòir a' cur air dòigh anns na h-Eileanan, agus clionaigean a tha Ospadal an Ràthaig Mhòir is NHS nan Eilean Siar fhèin a' cur air dòigh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.
Bidh an suidheachadh nas dorra buileach aig toiseach na h-ath mhios nuair a sguireas seirbheis thràth na maidne aig Loganair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh.
Tha Riaghaltas na h-Alba a-nis air dearbhadh gun cum Rùnaire na Slàinte, Niall Gray coinneamh ann am Beinn na Faoghla air an 21mh den Lùnastal mu na trioblaidean.

Cluinnidh Niall Gray mu na duilgheadasan air an ath mhìos
A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diardaoin thuirt Cathraiche Comataidh Còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar, Uisdean Robasdan, gu bheil e na mhisneachd mhòr dha gu bheil Mgr Gray a' dol chun na coinneimh.
"Tha e feumail gu bheil e a' tighinn a dh'èisteachd ris na draghan a th' air daoine, chan e a mhàin seirbheisean còmhdail suas a Steòrnabhagh ach na duilgheadasan a tha againn leis na seirbheisean a chaidh a tharraing a-mach à Ospadal Uibhist is Bharraigh o chionn 20 bliadhna cuideachd.
"Tha e tàmailteach dhuinne mar chomhairle co-dhiu, tha tòrr air a thogail timcheall air an t-seirbheis adhair. Bha sinne gu math toilichte gun robh sinn a' cumail seirbheis adhair a' dol.
"Fhios agad, thathar a' diochuimhneachadh nuair a chaidh Ospadal Uibhist is Bharraigh a thogail gun deach gealltanas a dhèanamh gum biodh seirbheisean a bharrachd ann na bh' ann ann an Loch na Madadh agus Dalabrog.
"Ach thairis an fhichead bliadhna a tha air a dhol seachad tha na seirbheisean air lùghdachadh gu mòr agus tha sin a' toirt air daoine siubhal suas a Steòrnabhagh no a Ghlaschu agus tha duilgheadasan siubhail againn - chan ann a mhàin air an itealan ach thairis air Caolas Bharraigh agus Caolas na Hearadh cuideachd agus chan eil sin a' dol a dh'fhàs nas fheàrr.
PSO
Thuirt Mgr Robasdan nach robh an t-ionmhas aig a' chomhairle ach cùmhnant na seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh agus Beinn na Faoghla a thoirt do Hebridean Air Services agus gun robh iad toilichte gum b'urra dhaibh cùmhnant ceithir bliadhna a chur air dòigh seach a bhith a' gluasad bho bhliadhna gu bliadhna.
A thaobh na seirbheis adhair eadar Inbhir Nis agus Steòrnabhagh thuirt Mgr Robasdan gu bheil na h-àireamhan air a bhith gu math lag bho chionn bhliadhnaichean agus gun d'thuirt Loganair gun robh iad deònach na seirbheisean a chumail a' dol fhad 's nach robh iad a' call airgid air.
Tha a' chomhairle air sgrìobhadh gu Riaghaltas na h-Alba a' faighneachd am b'urra dhaibh coimhead ri PSO a chur air an t-slighe sin agus tha Mgr Robasdan a' cur litir eile thuca Diardaoin ag iarraidh orra coimhead ri sin a-rithist.