Shona NicIllinnein a' dol air bòrd HITRANS

- Air fhoillseachadh
Dh'innis a' bhuidheann HITRANS gu bheil Shona NicIllinnein air a dhol air a' bhòrd aca.
Bha Ms NicIllinnein na ceannard air Bòrd na Gàidhlig eadar 2016 is 2023.
Tha i cuideachd air a bhith na ball de bhòrd HIAL.
'S ann à Drochaid an Aonachain a tha i bho thùs is i an-diugh a' fuireach san Dòrnaidh.
Tha còignear chomhairlichean air bòrd HITRANS is triùir nach eil nan comhairlichean.
"Tha sinn glè thoilichte fàilte a chur air Shona gu bòrd HITRANS", thuirt cathraiche na buidhne, an Comh. Ùisdean Robasdan.
"Tha i tric a' cleachdadh còmhdhail poblaich is tha eòlas farsaing aice air lìonraidhean còmhdhail na Gàidhealtachd is nan Eilean."
Dh'innis Shona NicIllinnein fhèin gu bheil i air a dòigh.
"Tha fios agam cho cudromach 's a tha ceanglaichean còmhdhail èifeachdach a thaobh fàs eaconomaigeach, leasachadh coimhearsnachd agus airson sluagh a ghlèidheadh.
"Tha mi air a bhith an sàs le diofar ghnothaichean còmhdhail thairis air na bliadhnaichean is tha fadachd orm leantainn le sin aig HITRANS," thuirt i.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh5 An Cèitean 2023
- Air fhoillseachadh7 An t-Ògmhios 2016