Linn ùr aig Bòrd na Gàidhlig

  • Air fhoillseachadh
Bòrd na Gàidhlig

Thuirt ceannard ùr Bhòrd na Gàidhlig nach e eachdraidh na buidhne a tha cudromach dhi ach na tha romhpa.

Bha Shona NicIllinnein a' bruidhinn agus i a' tòiseachadh san dreuchd an t-seachdain seo.

Tha cha mhòr bliadhna ann bho dh'fhàg Iain Caimbeul an dreuchd, dìreach beagan mhìosan às dèidh dha an obair a ghabhail.

Bhon uairsin, bha ceannardan eadar-amail, dithis gun Ghàidhlig nam measg, os cionn a' bhùird.

Gluasad

Tha an ceannard ùr ag ràdh gu bheil a' chaibideal sin a-nise seachad.

"Chan eil mi airson bruidhinn air dè chaidh seachad, tha mi airson coimhead air adhart air dè as urrainn dhuinn dèanamh anns na bliadhnaichean ri teachd", thuirt Shona NicIllinnein.

"Tha mi ag èisteachd ri daoine, ach tha mi airson gluasad air adhart.

"Tha buill ùra againn, tha bòrd slàn, làidir againn is tha sinn airson gluasad air adhart gun a bhith a' dol air ais air seann eachdraidh", thuirt i.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Ceannard ùr Bhòrd na Gàidhlig, Shona NicIllinnein.

Thuirt i gu bheil i airson ceangal nas fheàrr a dhèanamh eadar am bòrd, buidhnean Gàidhlig agus a' choimhearsnachd Ghàidhlig.

Cha gabh adhartas a dhèanamh as aonais a' cho-obrachaidh a tha sin, thuirt i.

Aig an aon àm, thuirt cathraiche Bhòrd na Gàidhlig nach eil fios aca fhathast a bheil iad faisg air amas a' Phlana Nàiseanta aca gum biodh 800 sgoilear a' faighinn oideachadh tro mheadhan na Gàidhlig ro 2017 a choileanadh.

Thuirt Ailean Dòmhnallach gun deach iarraidh air buidheann rannsachaidh ann an Dùn Èideann am fiosrachadh a thoirt còmhla dhaibh agus an dàrna phlana cànain a' tighinn gu crìoch an ath-bhliadhna.

Rannsachadh

"Ann a bhith a' dealbhachadh plana ùr 'son a' chànain, a bhios a' tòiseachadh an ath-bhliadhna, tha sinn air rannsachadh iarraidh bho Oilthigh Dhùn Èideann air a h-uile sian co-cheangailte ris a' phlana a bh' ann mar thà ", thuirt Mgr Dòmhnallach.

"Bidh iadsan a' dèanamh còmhradh ri daoine mu dheidhinn dè bha ag obrachadh is ciamar a thionndaich cùisean a-mach, is tha iad a' tarraing sin ri chèile airson a' bhùird thairis air an dà mhìos ri tighinn", thuirt e.

Chaidh ceist a chur air Mgr Dòmhnallach mu Ùlpan, is rannsachadh air sealltainn roimhe gun deach £1m a chosg ga bhrosnachadh, ach nach eil ach 3,000 duine aig a bheil comasan Gàidhlig às dèidh dhaibh crìoch a chur air a' chùrsa.

Fo-thiotal a’ bhidio,

Agallamh le Cathraiche Bhòrd na Gàidhlig, Ailean Dòmhnallach.

Cha tuirt Mgr Dòmhnallach an cum Bòrd na Gàidhlig orra le Ulpan.

Thuirt e, ge-tà, nach e ceist airgid a-mhàin a th' ann.

"Nuair a tha thu a' dèanamh leasachadh air cànan no dad sam bith eile, tha an-còmhnaidh aon argamaid ann mu dheidhinn prìs, agus tha argamaid eile ann mu dheidhinn luach.

"Nuair a tha thu a' coimhead ri mìon-chànan, chanainn gu bheil e nas cudromaiche a bhith a' coimhead ri luach seach prìs, ged a dh'fheumas tu prìs agus am maoin a th' agad a thoirt a-steach dhan amharc nuair a tha thu a' coimhead ri rudan a thoirt air adhart", thuirt e.

Aig an dearbh àm a bha ceannard ùr a' tòiseachadh na dreuchd aig Bòrd na Gàidhlig, thàinig rabhadh eile mu shuidheachadh a' chànain.

Thuirt stiùiriche na buidhne rannsachaidh 'Soillse', an t-Ollamh Conchúr Ó Giollagáin, ma leanas cùisean mar a tha iad an-dràsta, nach bi air fhàgail ach luchd-proifeasanta na Gàidhlig a' bruidhinn ri chèile.

Ceanglaichean eadar-lìn dàimheil

Chan eil am BBC an urra ri na tha air Làraichean-lìn air an taobh a-muigh