Obair-leasachaidh deiseil aig Àrainn Urgha

Mìcheal Mac an t-Sealgair
Fo-thiotal an deilbh,

Mìcheal Mac an t-Sealgair, Manaidsear Urras Ceann a Tuath na Hearadh.

  • Air fhoillseachadh

Chaidh sia àitichean ùra airson bhanaichean-campachaidh a leasachadh ann an Urgha, faisg air an Tairbeart anns na Hearadh.

Tha dealain gu bhith ri fhaighinn anns gach àite agus àite cuideachd ann airson uisge-glas, uisge bhon fhras no sinc anns na bhanaichean-campachaidh.

Fhuair a' phroiseact aig Urras Ceann a Tuath na Hearadh barrachd na £85,000 airson Àrainn Urgha, taobh a-muigh a chur air doigh bho Mhaoin Bun-Structar na Turasachd Dùthchail (RTIF) ann an 2021.

Ged a fhuair iad taic bho RTIF, ‘s e beachd na coimhearsnachd a bh’ ann. Bha faireachdainn am measg mhuinntir an àite gun robh feum air rudeigin a dhèanamh mu na h-àireamhan de bhanaichean-campachaidh a tha a' tighinn dhan eilean agus na goireasan a th' ann dhaibh.

Chaidh na leasachaidhean seo a dhèanamh air talamh a bha aig croitearan na sgìre, a thug cothrom don Urras an obair a dhèanamh.

Thàinig £3m bho mhaoin RTIF do 10 pròiseact do luchd-turais air feadh Alba gus na goireasan aca a leasachadh agus airson modhan-siubhail nach eil a' cleachdadh tòrr carboin a bhrosnachadh.

Thuirt Mìcheal Mac an t-Sealgair, Manaidsear Urras Ceann a Tuath na Hearadh: “‘S e làrach mhath a tha seo airson a leasachadh air sgàth ‘s gun robh CDP no Chemical Disposal Point an seo co-dhiù. Tha an làrach seo ri taobh na làraich eile againn far a bheil Urgha Recycling so ‘s e sin far a bheil làrach sgudail.”

Tha dragh air muinntir na Hearadh nach eil àitichean gu leòr gu bhith ann airson na tha de bhanaichean-campachaidh a tha tighinn chun an eilein.

“Air sgath ‘s gu bheil iad cho mòr (bhanaichean-campachaidh) mar as trice, chan eil fios aig an luchd-turais ciamar a bu chòir dhaibh na bhanaichean-campachaidh a dhraibheadh, tha na h-àitichean pàircidh cho beag, ma tha thu ag iarraidh rud sam bith a dhèanamh a-muigh agus tha bhana-campachaidh a’ toirt suas an àite air fad, tha e doirbh.”

“Tha na bhanaichean-campachaidh a’ tighinn ann co-dhiù, tha sinn fortanach ann an dòigh anns na Hearadh air sgàth ‘s gu bheil na h-aiseagan a’ cur bacadh air na h-àireamhan ach air an taobh eile, tha am bun-structar ann an sheo, chan eil i ann”.

Tha beagan dàil ann le siostam compiutarachd an àite, ach tha Urras Ceann a Tuath na Hearadh an dòchas gum bi e fosgailte ro àm na Càisge.