Coinneamh shònraichte mu champas sgoile ùr Mhuile

Àrd-Sgoil Thobar Mhoire
  • Air fhoillseachadh

Thèid coinneamh shònraichte a chumail a bheachdachadh air sgeama airson campas sgoile ùr a thogail ann am Muile.

Dh'aontaich Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid a' choinneamh a chumail air an t-7mh là den Mhàrt, airson ùine gu leòr a thoirt dhaibh beachdachadh air aithisgean a rinneadh mun phròiseact.

Thathas am beachd campas ùr 2-18 a thogail ann am Muile an àite Àrd-Sgoil Thobar Mhoire a th' ann an-dràsta, air chosgais £43m.

'S e sin am pròiseact calpa as motha a tha ron Chomhairle sa bhliadhna-ionmhais a tha romhainn.

Tha ceist ann fhathast ge-tà, càite an tèid a thogail, le diofar bhuidhnean ga h-iarraidh ann an diofar àiteachan.

'S iad na làraichean air a bheileas a' coimhead, an làrach air taobh a deas Thobar Mhoire - an làrach a tha oifigearan na Comhairle fhèin a' moladh- làrach eile ann an Creag an Iubhair, an làrach air a bheil Àrd-Sgoil Thobar Mhoire an-dràsta, agus làrach eile aig a' Gharbh Mhonadh faisg air Fisinis.

Rinneadh measadh air na làraichean uile feuch ciamar a fhreagradh iad air feumalachdan foghlaim, practaigeachd, cosgais agus cunnairt, am measg grunn rudan eile.

Connspaid

Tha am pròiseact air gu leòr chonnspaid adhbharachadh san eilean, agus cuid de phàrantan ag iarraidh cumail orra a' chlann aca a chur gu Àrd-Sgoil an Òbain.

Agus cuid eile, gu h-àraid anns an Ros Mhuileach a bhios a' dèanamh sin cuideachd ag iarraidh gun tèid an sgoil ùr a thogail nas fhaisge orrasan gus nach fheum iad a' chlann aca a chur dhan Òban tuilleadh.

"'S e seo am pròiseact as motha cosgais dhan Chomhairle aig àm far a bheil sinn a' dèanamh cho-dhùnaidhean mu sheirbheisean riatanach do choimhearsnachdan air feadh Earra-Ghàidheal is Bhòid," thuirt Ceannard na Comhairle, Jim Lynch.

"Tha sinn a' tuigsinn gu bheil mòran diofar bheachdan mun champas ùr ann am Muile, agus tha e cudromach gun toir sin ùine a bheachdachadh air an fhiosrachadh mhionaideach gu lèir airson co-dhùnadh fiosraichte a dhèanamh.

"Tha seo a' toirt a-steach beachdan a fhuaireas aig tachartasan conaltraidh coimhearsnachd, comharraidhean nan diofar làraichean agus torraidhean nam measaidhean teicnigeach agus buaidhe.

"Tha na h-uimhir de dhuilgheadasan an cois a' phròiseict mhòir a tha seo, agus tha e riatanach gum beachdaich sinn gu h-iomlan air gach pàirt de na molaidhean.

"Bheireamaid taing do choimhearsnachdan airson nam beachdan a tha iad air a bhith a' cur thugainn, agus tha sinn a' dèanamh fiughair ri bhith a' ruighinn na h-ath chloich-mhìle cudromaich, 's e sin làrach a thaghadh airson a' champais ùir."