Chuala cùirt gun do choimhead fear fo chasaid muirt air bhideothan ghunnaichean gan losgadh

John MacFhionghainTùs an deilbh, FACEBOOK
Fo-thiotal an deilbh,

Bhàsaich John MacFhionghain an dèidh mar a chaidh losgadh air na dhachaigh ann an Slèite san Eilean Sgitheanach

  • Air fhoillseachadh

Chuala cùirt gun do choimhead fear a tha fo chasaid muirt air bhideo YouTube san robhar a' losgadh le gunna air riochd de cheann duine.

Thathar a' fàgail air Fionnlagh Dòmhnallach, 41, gun do loisg e air a bhràthair-cèile, John MacFhionghain, 47, aig a dhachaigh san Eilean Sgitheanach air an 10mh den Lùnastal 2022.

Tha e fo chasaid, air an aon là, gun do dh'fheuch e ri murt a dhèanamh air triùir eile, a bhean nam measg.

Tha Mgr Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean gu lèir agus chuir e adhart dìon sònraichte nach robh e aige fhèin aig an àm.

Chuala an diùraidh aig an Àrd-Chùirt ann an Dùn Èideann mar a fhuair eòlaichean nam poileas gun robh Mgr Dòmhnallach air a bhith a' lorg fiosrachaidh mu ghunnaichean-froise Mossberg air an laptop aige.

Chaidh fianais a lorg cuideachd gun deach còig sgianan a cheannach - bann-cuidhteis air an robh seòladh Fhionnlaigh Dhòmhnallaich.

Fhuair na h-eòlaichean gun robh e a' rannsachadh air an laptop aige "mar a tha gunna-froise pump ga chleachdadh" agus "luchdachadh agus losgadh gunna-froise pump".

Dh'innis a charaid Shane Westerman dhan chùirt gun do sheall Mgr Dòmhnallach bhideo dha air an robh "Mossberg 410 v ballistic gel human head".

Thuirt Mgr Westerman gun do smaoinich e gun robh Mgr Dòmhnallach air a bhith "a' coimhead air cus fhilmichean cowboy" an dèidh dha innse dha gun robh e a' dol a-mach airson lighiche-chnàmhan "a shortadh a-mach" agus gun deadh e fhèin a-mach ann am "blaze of glory".

Thuirt e gun deach Mgr Dòmhnallach a dh'fhaicinn John Don MacCoinnich, a bh' air an dreuchd aige mar lighiche-chnàmhan a leigeil seachad, airson cùraim ach nuair a thill e "gun robh coltas air gun robh e na bu mhiosa na bha e air a bhith".

Thuirt e: "Dh'fheuch mi ri a chuideachadh agus dh'iarr mi air grunn thursan taic a shireadh airson an staid inntinn aige. Bhiodh e daonnan ag ràdh rium 'tha thu fortanach, tha bean agus clann agad'."

Choinnich an dithis nuair a ghluais Mgr Westerman, 58, dhan Eilean Sgitheanach à Yorkshire ann an 2020 agus bha Mgr Dòmhnallach a' togail taighe air talamh faisg air làimh.

Tha Mgr Dòmhnallach fo chasaid gun do mhuirt e a bhràthair-cèile, John MacFhionghain, na dhachaigh ann an Teanga ann an Slèite le bhith a' losgadh air le gunna grunn thursan.

Chuala a' chùirt roimhe gun deach Mgr Dòmhnallach fhàgail gun mhisneachd agus air a nàireachadh an dèidh do Mhgr MacFhionghain ionnsaigh a thoirt air ann an 2013.

Tha Mgr Dòmhnallach cuideachd fo chasaid gun do dh'fheuch e ri John Don MacCoinnich a mhurt cuide ris a' bhean aige, Fay, agus gun do rinn e oidhirp air a' bhean aige fhèin Rowena Dhòmhnallach a mhurt.

Tha Mgr Dòmhnallach a' dol às àicheadh nan casaidean uile.

Tha a' chùis air beulaibh na Bana-Mhorair Druimeanach a' leantainn.

Tuilleadh air an sgeulachd seo