Gearraidhean a' toirt buaidh air chloinn le feumalachdan a bharrachd sna h-Eileanan Siar

Donna Shearsmith agus Claire Morris
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Donna Shearsmith agus Claire Morris a' ruith Òtasm Eilean Siar

  • Air fhoillseachadh

Tha pàrantan cloinne le feumalachdan a bharrachd an Leòdhas ag ràdh gur e tuilleadh taice dhan t-seirbheis a tha dhìth seach maoineachadh a ghearradh.

Dh'ainmich Comhairle nan Eilean Siar gearraidhean luach £1.4m sa bhuidseat airson na h-ath-bhliadhna ionmhais agus tha taic do chloinn am measg sin.

Thèid £30,000 a thoirt air falbh bho sheirbheisean do chloinn le feumalachd a bharrachd, agus na mìltean eile ann an seirbheisean eile do dh'òigridh.

Tha a' bhuidheann Òtasm Eilean Siar, a thòisich bho chionn 10 bliadhna, le dragh mu na gearraidhean as ùire seo.

"Bidh sinn a' faicinn ghearraidhean a h-uile bliadhna air na seirbheisean seo," thuirt Donna Shearsmith, a tha a' ruith na buidhne a bhios a' coinneachadh a h-uile mìos.

Strì

"Tha barrachd is barrachd chloinne a' dol tron t-siostam a-niste, 's a dh'aindeoin sin tha gearraidhean fhathast a' tachairt," thuirt i.

Tha Claire Morris a tha ga ruith còmhla rithe ag ràdh gum feumar strì a dhèanamh airson taic fhaighinn do phàrant sam bith gu h-àraid le còmhdhail a chur air dòigh.

"Chan eil sin cothromach a bharrachd - co-dhiù tha thu ga ghearradh gus nach eil.

"Feumaidh tu sin fhaighinn sa chiad àite, agus 's e sìor-shabaid a th' ann do mhòran dhaoine," thuirt i.

Donna NicGriogair agus Janet Ross Jordan
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh Donna NicGriogair agus Janet Ross-Jordan a' tighinn chun na buidhne gach mìos

A bharrachd air seirbheis chòmhdhail a tha ga gearradh, tha draghan ann nach eil luchd-obrach sòisealta gu leòr ann agus gum bi obraichean gan dùnadh nuair a dh'fhàgas feadhainn an dreuchd.

"Feumaidh seirbheisean a dhol còmhla 's dòcha ann an dòighean ao-coltach," thuirt Donna NicGriogair aig a bheil dithis chloinne a tha feumach air taic a bharrachd.

"Saoilidh mi, ma bhruidhneas tu ri neach-obrach sòisealta sam bith ann an Seirbheisean Cloinne gun innis iad dhut, agus saoilidh mi gu bheil luchd-obrach sòisealta gu math gann cuideachd," thuirt i.

Cothrom na Fèinne

Tha ceathrar chloinne aig Janet Ross-Jordan le feumalachdan a bharrachd. Tha dragh orra gu bheil cion maoineachaidh a' fàgail nach eil daoine a' faighinn cothrom na Fèinne.

"Bhiodh cuid ag ràdh gu bheil iad a' faighinn fìor dheagh taice, 's càch ag ràdh nach fhaigh iad cothrom air.

"Uaireannan bidh thu fortanach 's gheibh thu cuideigin a tha eòlach air duine a nì rudeigin no a chuidicheas.

"Ach 's e crannchur a th' ann, strì fad na h-ùine, agus tha e claoidhte."

Ionad Fàilte ann an Steòrnabhagh
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh a' bhuidheann a' coinneachadh gach dàrnach Dihaoine den mhìos

A rèir na buidhne, dh'fhàg teaghlaichean an t-eilean leis nach eil an taic ann a mhiannaicheadh iad - agus tha dragh orra gum fàs cùisean nas miosa buileach.

Nam beachd, chan eil e cothromach gun toir gearraidhean buidseit na Comhairle "buaidh air daoine so-leònte".

"An uair sin tha sin uile air fhalach, 's thig iad air ais an ath-bhliadhna a-rithist 's nì iad gearradh eile," thuirt Claire Morris

"Tha uallach gu leòr air na pàrantan mar thà - fada a bharrachd na thuigeadh duine de na comhairlichean no duine sam bith eile.

"Na daoine a tha a' dèanamh nan gearraidhean seo dha-rìribh a' creidsinn gu bheil iad a' tuigsinn - ach chan eil iad ga thuigsinn idir."

Crathadh san roinn phoblaich a dhìth a rèir CNES

Thuirt neach-labhairt Comhairle nan Eilean Siar gum faca iad an crìonadh as motha ann am maoineachadh ùghdarras ionadail sam bith an Alba thairis air an dùsan bliadhna a dh'fhalbh

Tha seo a' fagail, thuirt iad, gu bheil a-nis seirbheisean neo-reachdail ann an cunnart.

Thuirt iad gun cùm iad, a dh'aindeoin sàbhalaidhean, seirbheisean deatamach ris an fheadhainn as fheumaiche orra sin.

Thug an t-ùghdarras ionadail rabhadh nach eil an suidheachadh a th' ann an-dràsta seasmhach.

"Chan urrainn dhan Chomhairle seirbheisean a lùghdachadh bliadhna an dèidh bliadhna, agus chan urrainn dhuinn a bhith a' sìor iarraidh air muinntir nan Eilean Siar a bhith a' pàigheadh barrachd agus a' faighinn nas lugha.

"Mura tig atharrachadh air an ìre de mhaoineachadh riaghaltais do dh'Ùghdarrasan Ionadail, leanaidh a' Chomhairle oirnn a' dèanamh argamaid airson crathadh san roinn phoblaich mar dhòigh an cearcall seo a bhriseadh."