Moladh gun sgìre smachdachaidh mhàil ghoirid a bhith air Ghàidhealtachd air fad

'S ann am Bàideanach is Srath Spè, sa bheil An Aghaidh Mhòr, a tha an aon sgìre smachdachaidh an-dràsta
- Air fhoillseachadh
Bu chòir gum bi riaghailtean a thaobh àitichean-fuirich do luchd-turais a bhith an urra do sgìrean fa leth taobh a-staigh chrìochan Comhairle na Gàidhealtachd, a rèir aithisg ùir.
Rinn oifigearan sgrùdadh air moladh an sgìre air fad a chomharrachadh mar sgìre smachdachaidh airson na tha de dh'àitichean-fuirich a tha gan leigeil a-mach 'son ùine ghoirid a chuingealachadh.
Bhathar a' moladh leithid de sgeama mar dhòigh dèiligeadh ri dìth taigheadais.
San aithisg, tha iad ag ràdh nach biodh taic ann air a shon agus mhol iad gum bu chòir co-dhùnaidhean fhàgail aig comataidhean ionadail.
Chan eil ach aon sgìre smachdachaidh air a' Ghàidhealtachd an-dràsta, am Bàideanach agus Srath Spè, agus thuirt an aithisg gun tug e "buaidh bheag" air na tha de dh'àitichean-còmhnaidh airson ùine ghoirid.
Fhuair an sgrùdadh gu bheil àireamh àrd de dh'àitichean-còmhnaidh air màl ghoirid ann an cuid de sgìrean, nam measg an t-Eilean Sgitheanach agus Ratharsair, Loch Abar, Taobh Siar Rois, Srath Pheofhair, Loch Aillse agus Inbhir Nis.
- Air fhoillseachadh30 An t-Ògmhios 2022
- Air fhoillseachadh9 Am Faoilleach 2020
Thuirt an aithisg gun robh cead an leigeil a-mach do luchd-turais aig 6% de thogalaichean a dh'fhaodadh a bhith nan dachaighean air feadh na Gàidhealtachd, ach gun robh sin cho àrd ri 30% ann an cuid de sgìrean.
Thuirt na h-oifigearan: "Tha na tha de thaighean air màl ghoirid a' sìor dhol an-àirde sa mhòr-chuid de choimhearsnachdan na Gàidhealteachd, a' toirt a-steach sgìre nas motha na feadhainn le ìrean àrda mar-thà.
"Tha timcheall air 5% de thaighean ùra a thogadh air feadh na Gàidhealtachd sa chòig bliadhna a dh'fhalbh a-nis le cead an leigeil a-mach air màl ghoirid, ged a tha an ìre seo nas àirde ann an cuid de sgìrean."
A dh'aindeoin sin, tha iad ag ràdh nach eil "fianais ann gu bheil taic gu leòr ann airson sgeama smachdachaidh dhan Ghàidhealtachd air fad a chuingealachadh na tha de dh'àitichean-fuirich 'son ùine ghoirid".
Tha iad a' moladh gum biodh e na b' fheàrr riaghailtean fa leth a bhith aig na sgìrean as motha aig a bheil àitichean-còmhnaidh mar sin.
Tha dùil gum beachdaich comhairlichean air an aithisg aig coinneimh Diardaoin.