Tairgse bho Ailean Savage gus ICT a cheannach

- Air fhoillseachadh
Tha am fear-gnothaich Ailean Savage air tairgse £800,000 a dhèanamh gus Caley Thistle a ghabhail thairis.
Tha Mgr Savage, a bha roimhne na chathraiche air ICT, air a bhith a' cumail taic-ionmhais riutha anns na mìosan mu dheireadh is iad ann an rianachd.
Dhearbh luchd-rianachd Chaley Thistle Diardaoin gun robh còmhraidhean ann às ùr le "4-5 buidhnean" le ùidh sa chluba a cheannach.
Bha seo às dèidh dhaibh adhartas a dhèanamh a thaobh chnapan-starra a bha air ICT a chur "ann an cunnart mòr".
Tha Ailean Savage ag ràdh gu bheil an tairgse aige stèidhichte air gum faigheadh e smachd 100% air a' chluba.
Tha an tairgse air a' bhòrd chun an 11mh den Ghiblean, tha e ag ràdh.
Tha e mar-thà air gealltainn taic-ionmhais a chumail ris a' chluba gu deireadh an t-seasain aig cosgais £1m.