"Tha iad ag iarraidh cur às dhan Ghàidhlig aig Oilthigh Obar Dheathain"

- Air fhoillseachadh
Dh'fhàg oileanaich aig Oilthigh Obar Dheathain air luchd-stiùiridh gu bheil coltas ann gu bheil iad a' feuchainn ri cur às dhan Ghàidhlig san oilthigh is e air tighinn am bàrr nach maoinich iad dreuchd oifigeir-leasachaidh.
'S e Bòrd na Gàidhlig a tha a' pàigheadh airson na dreuchd ach bha dòchas ann gun tigeadh maoineachadh airson na h-obrach pàirt-ùine bhon oilthigh fhèin às dèidh dà bhliadhna.
Thuirt Oilthigh Obar Dheathain nach dèan iad sin is iad gann de dh'airgead.
Tha seo a' tighinn às dèidh na connspaid a bh' ann nuair a dh'innis an t-oilthigh nach biodh ceumannan singilte ann tuilleadh ann an Gàidhlig, còmhla ri cànanan eile.
Tha Comann Ceilteach Oilthigh Obar Dheathain ag ràdh gur e buille mhòr eile a tha seo.
"Tha an fhearg oirnn", thuirt iar-cheann-suidhe a' chomainn, Rhiannon Ledwell.
"Chaill sinn an ceum singilte Gàidhlig agus chaill sinn dà ollamh bho Roinn na Gàidhlig".
A rèir nan oileanach, tha an t-oifigear Gàidhlig air obair mhòr a dhèanamh is chan eil luchd-stiùiridh a' tuigsinn an call a bhios ann.
'S e an dreuchd as cudromaiche a th' ann do luchd-ionnsachaidh aig an oilthigh, tha iad a' cumail a-mach.
"Cha robh tachartasan Gàidhlig aig an oilthigh dà bhliadhna air ais agus cha robh ceanglaichean ann eadar na h-oileanaich is buidhnean coimhearsnachd", mhìnich Rhiannon Ledwell.
"A-nise tha tachartasan sòisealta agus ceòl ann, tha òraidean, tachartasan dhreuchdan, tha leabharlann Gàidhlig againn a-nise.
"An ath-bhliadhna 's dòcha gum bi sgoil samhraidh Gàidhlig ann. Tha tòrr mòr chothroman airson Gàidhlig a chleachdadh a-nise".
Rhiannon Ledwell a' bruidhinn ri BBC Naidheachdan.
Tha na h-oileanaich ag ràdh gu bheil obair an oifigeir fiù 's nas cudromaiche na bha e bho thùs às dèidh nan gearraidhean aig an oilthigh.
Thuirt Rhiannon Ledwell gu bheil na h-oileanaich a' tuigsinn gu bheil an t-oilthigh ann an staing airgid, ach gur e dreuchd phàirt-uine a tha seo co-dhiù is nach biodh e daor dhaibh pàigheadh air a son.
Tha i ag ràdh gu bheil coltas ann gu bheil luchd-stiùiridh a' feuchainn ri "Gàidhlig a chur às aig Oilthigh Obar Dheathain".
Sgrìobh na h-oileanaich chun an oilthigh is plana aca airson hub Gàidhlig is iad ag ràdh gun tigeadh airgead às a sin airson na dreuchd a mhaoineachadh.
Thuirt Oilthigh Obar Dheathain gu bheil suidheachadh ionmhais dùbhlanach aca, coltach ri mòran oilthighean eile air feadh na Rìoghachd Aonaichte, agus gum feum iad cosgaisean luchd-obrach a ghearradh, còmhla ri nithean eile - agus an teachd a-steach aca àrdachadh.
Tha iad ag ràdh gu bheil fastadh air a reòthadh cuideachd agus nach urrainn dhaibh mar sin a bhith a' pàigheadh airson obraichean a bha air am maoineachadh bho thaobh a-muigh an oilthigh.
Dh'innis iad gun deach obair air leth a dhèanamh a thaobh na Gàidhlig aig an oilthigh agus gu bheil iad an dòchas gun lean sin.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh5 An Dùbhlachd 2023
- Air fhoillseachadh1 An Dùbhlachd 2023