Stailcean Obar Dheathain air an cur dheth

Oilthigh Obar DheathainTùs an deilbh, Getty
  • Air fhoillseachadh

Chaidh stailcean am measg luchd-obrach aig Oilthigh Obar Dheathain a chur dheth.

Bha Aonadh nan Oilthighean is nan Colaistean (an UCU) air sia làithean stailce a chur air dòigh, a' tòiseachadh Dimàirt an 12 den Mhàrt, is iad a' cur an aghaidh phlanaichean gus gearraidhean a dhèanamh ann an Roinn nan Cànanan.

Bha iad ag ràdh gun robh suas ri 30 dreuchd ann an cunnart.

Tha an UCU a-nise ag ràdh gu bheil an t-oilthigh air innse nach tèid duine a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.

Thuirt an t-aonadh gur e buille a th' ann gum bi cuid a' fàgail an oilthigh, ach gu bheil buill air soirbheachadh san iomairt leis nach caill duine an dreuchd an aghaidh an toil.

Ann am brath, dh'innis Leas-Phrionnsabal Oilthigh Obar Dheathain, an t-Oll Karl Leydecker, gun robh e comasach dhaibh gealltanas a thoirt seachad "às dèidh dhuinn molaidhean làidir fhaighinn bho luchd-obrach ann an Roinn nan Cànanan gus barrachd airgid a thoirt a-steach agus an curraicealam a leasachadh".

Bha an t-oilthigh air innse an t-seachdain seo chaidh nach rachadh duine ann an Roinn na Gàidhlig a chur às an dreuchd an aghaidh an toil.

Thàinig seo is Oilthigh Obar Dheathain air dearbhadh gu bheil iad a' dol air adhart leis na planaichean aca, a bhios a' ciallachadh nach bi ceumanan singilte air an tabhainn bho seo a-mach ann an Gàidhlig, Fraingis, Gearmailtis no Spàinntis.