Sgrùdadh a' leantainn air stuth a fhuaireadh faisg air 'cuaraidh muirt'

Cha deach cuirp Renee NicRath agus a mic Anndra a-riamh a lorg
- Air fhoillseachadh
Thuirt na poilis gu bheil iad fhathast a' rannsachadh an dèidh mar a thugadh nìthean à cuaraidh a th' air a bhith aig cridhe an sgrùdaidh mu mhuirt boireannaich agus a mic sna 1970an.
Chaidh càr Renee NicRath, a bha 36, fhaighinn na theine ri taobh an A9 faisg air Cuaraidh Dul Mac Gearraidh san t-Samhain 1976, ged nach robh sgeul oirre fhèin air neo Anndra, a bha trì bliadhna a dh'aois.
Chaidh leannan Renee, Uilleam MacDhùghaill, 81, fhaighinn ciontach ann an 2022 gun do mhuirt e i agus Anndra.
Chaochail MacDhùghaill sa Ghearran 2023 gun innse càite an do chuir e na cuirp.
Thuirt Poileas Alba gun deach an stuth - brat-ùrlar agus poiteag a rèir aithris ann an Courier Inbhir Nis, taobh a-muigh - a lorg ri taobh an A9 Diaordaoin an 13mh den Mhàrt nuair a bha obair-rathaid a' dol air adhart.
Thuirt iad gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air is gu bheil rannsachadh a' leantainn.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt
