Sgrùdadh air stuth a fhuaireadh aig cuaraidh a bha ceangailte ri rannsachadh muirt

Anndra MacRath is Renee NicRathTùs an deilbh, Teaghlach Renee NicRath
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gu bheil iad a' rannsachadh stuth a chaidh a lorg faisg air cuaraidh a bha aig meadhan rannsachaidh mu mhurt boireannaich agus a mac air a' Ghàidhealtachd bho chionn cha mhòr 50 bliadhna.

Fhuaireadh càr Renee NicRath, a bha 36, ri taobh an A9 faisg air Cuaraidh Dul Mac Gearraidh san t-Samhain 1976, ged nach robh sgeul oirre fhèin air neo Anndra, a bha trì bliadhna a dh'aois.

Chaidh leannan Renee, Uilleam MacDhùghaill, 81, fhaighinn ciontach ann an 2022 gun do mhuirt e i agus Anndra.

Chaochail MacDhùghaill sa Ghearran 2023 gun innse càite an do chuir e na cuirp.

Tha Courier Inbhir Nis ag aithris gun deach poiteag is brat-urlair a lorg, taobh a-muigh faisg air a' chuaraidh nas tràithe air a' mhìos nuair a bha obair-rathaid a' dol air adhart.

Ann am brath, thuirt Poileas Alba gun deach oifigich dhan A9 faisg air Dul Mac Gearraidh air an 13mh den Mhàrt is gun deach stuth fhaighinn.

Thuirt iad gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh air is gu bheil rannsachadh a' leantainn.