Sùil aig Cultarlann Inbhir Nis air togalach

An Eaglais an Ear
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh buidheann a tha airson ionad culturail Gàidhlig a stèidheachadh ann an Inbhir Nis gu bheil sùil aca air togalach sa bhaile.

Tha grunn bhliadhnaichean ann bho thòisich an iomairt aig Cultarlann Inbhir Nis.

'S e tha fa-near dhaibh gum bi àite ann airson tachartasan Gàidhealach a chur air adhart is far an urrainn do choimhearsnachd Ghàidhlig a' bhaile tighinn cruinn.

Bhathas a' coimhead roimhe ri Talla Cuimhneachaidh an Dtr. MhicIlleDhuibh ri taobh na h-aibhne ach cha tàinig sin gu buil.

Tha an iomairt air leantainn bhon uairsin is sreath de chruinneachaidhean air a bhith aig Cultarlann is iad a' togail airgid.

Tha iad a-nise a' coimhead ris an togalach a bh' aig an Eaglais an Ear air Sràid na h-Acadamaidh.

Dhùin an eaglais eachdraidheil sa Mhàrt agus an co-thional a' dol còmhla ri Eaglais nan Innseagan air taobh sear Inbhir Nis.

Thàinig an togalach air a' mhargaidh an t-seachdain seo chaidh.

Bha uair a bha co-thional làidir Gàidhealach san eaglais is tha Cultarlann airson is gum bi a' Ghàidhlig ga cluinntinn san togalach a-rithist.

An Eaglais an Ear

"Tha sinn air rannsachadh a dhèanamh air dè ghabhadh dèanamh leis an togalach", dh'innis Murchadh Caimbeul a th' air bòrd-stiùiridh a' Chultarlainn.

"Ma tha mi a' dol a choimhead air sràcan ann am bocsaichean, tha mi a' smaoineachadh gum biodh a h-uile sràc anns a h-uile bocsa airson na h-Eaglais an Ear".

Dh'innis Mgr Caimbeul gu bheil Cultarlann air coimhead ri togalaichean is seann eaglaisean eile ach gu bheil seo a' seasamh a-mach dhaibh.

"Tha i ann an teis-mheadhan a' bhaile, tha i goireasach a-staigh na broinn, tha i air a deagh chumail, agus a tha a h-uile càil innte a bhiodh feumach dhuinne".

Bhiodh Culturlann airson àite-bìdh, bùth is àite airson taisbeanaidhean is cuirmean a chur air dòigh san togalach.

Tha iad cuideachd gu mòr airson luchd-turais a thàladh.

Thuirt Mgr Caimbeul gu bheil "pìos mòr" den airgead a dh'fheumas Cultarlann 'son an togalach a cheannach aca, ach gu bheil beàrn ann fhathast.

Dh'innis e gum bi iad a' cur air dòigh crowdfunder eile feuch an t-airgead sin a thogail.