Draghan mun t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla gan deasbad

- Air fhoillseachadh
Bidh coinneamh shònraichte aig Bòrd Slàinte nan Eilean Siar Diardaoin is dragh orra mun bhuaidh aig an t-seirbheis adhair eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla air seirbheisean slàinte.
Thòisich a' chompanaidh Hebridean Air Services air an t-seirbheis PSO a thoirt seachad sa Ghiblean is an cùmhnant a bh' aig Loganair air tighinn gu ceann.
Ged a tha an t-seirbheis a-nise ann trì là san t-seachdain seach a dhà, 's e plèana mòran nas lugha a tha aig Hebridean Air Services an taca ri Loganair.
Chan eil ach 8 àitichean air bòrd seach 48 is draghan air nochdadh nach eil rùm gu leòr ann do dh'euslaintich is luchd-obrach slàinte.
Tha seo air cur ri iomagain a bh' ann mar-thà mun bhuaidh a tha seirbheisean còmhdhail a' toirt air euslaintich is seirbheis na slàinte anns na h-Eileanan an Iar.
Dh'innis euslainteach le aillse do BhBC Naidheachdan sa Chèitean gu bheil i an ìre mhath "air a glùinean" ri linn an duilgheadais a th' ann siubhal gu leigheas.
Tha feadhainn eile air innse mun tàire uabhasach a tha air tighinn orra faighinn gu coinneamhan le dotair no faighinn dhachaigh.
'S ann gu sònraichte mun PSO eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla a tha coinneamh shònraichte NHS nan Eilean Siar, taobh a-muigh Diardaoin.
Draghan
Tha aithisg a tha a' dol air beulaibh a' bhùird ag ràdh gu bheil dragh ann gum fàg an t-seirbheis gum bi lùghdachadh ann an clionaigean a tha Ospadal an Ràthaig Mhòir a' cur air dòigh anns na h-Eileanan, agus clionaigean a tha Ospadal an Ràthaig Mhòir is NHS nan Eilean Siar fhèin a' cur air dòigh ann an Ospadal Uibhist is Bharraigh.
Tha seo, tha iad ag ràdh, ri linn atharrachaidhean ann an clàran-ama ri linn na seirbheis ùire.
Tha an aithisg ag ràdh, a thuilleadh air atharrachadh san t-seirbheis eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh, gu bheil iad an amharas gu bheil Loganair air seirbheis a bh' aca aig 07:00m eadar Inbhir Nis is Steòrnabhagh a tharraing ri linn mar a dh'atharraich am PSO.
Thuirt iad gum biodh luchd-obrach slàinte à Inbhir Nis a' cleachdadh na seirbheis seo gus tighinn a Leòdhas agus a' dol às an sin a Bheinn nam Fadhla.
A thuilleadh air draghan mu cho beag àitichean 's a tha air a' phlèana aig Hebridean Air Services, tha an aithisg cuideachd a' togail air duilgheadasan a dh'fhaodadh a bhith aig cuid - nam measg feadhainn a th' ann an cathair-chuibhle, a tha trom, no a tha dìreach air a dhol fo lannsa - faighinn air a' phlèana.
Tha iomagain ga nochdadh cuideachd mu cho tric 's a chaidh seirbheisean a chur dheth anns na seachdainean mu dheireadh.
Tha am Bòrd Slàinte ag ràdh gu bheil iadsan a' tuigsinn nach do mhìnich na pàipearan a bh' ann nuair a chaidh an t-seirbheis a-mach gu tairgse cia mheud àite a bhiodh air an t-seirbheis, is cia mheud duine a bhiodh mar as trice ga cleachdadh mar euslaintich no luchd-obrach slàinte.
Tha iad ag ràdh nach robh gnothach sam bith acasan ann a bhith a' cur air dòigh a' chùmhnaint no a bhith ga thoirt seachad.
Co-obrachadh is taic-airgid
Ann am brath a chuir iad gu BBC Naidheachdan, thuirt Comhairle nan Eilean Siar gu bheil iad tric air co-obrachadh is taic-airgid iarraidh thar nam bliadhnaichean bhon NHS agus Còmhdhail Alba a thaobh a' chùmhnaint PSO eadar Steòrnabhagh is Beinn nam Fadhla.
Dh'innis iad nach eil NHS nan Eilean Siar an-dràsta a' toirt taic-airgid sam bith seachad is mar sin nach eil iad an sàs gu foirmeil sa phròiseas tairgse.
Thuirt iad gu bheil am bòrd-slàinte riamh air a ràdh nach eil dleastanas sam bith orra a thaobh sheirbheisean còmhdhail is gun obraich iad leis na seirbheisean a th' ann.
Thuirt a' Chomhairle gun cuireadh iad fàilte air atharrachadh sam bith an seo bhon NHS a thaobh planadh agus taic-airgid a chumail ris a' PhSO.
A thuilleadh air seo, dh'innis CnES gu bheil iadsan a' meas na slighe eadar Beinn nam Fadhla is Steòrnabhagh mar sheirbheis riatanach is gun do rinn iad argamaid ri Riaghaltas na h-Alba gum bu chòir an aon ìre de thaic-airgid a bhith ann air a son 's a tha aig seirbheisean PSO eile.
Tha iad ag ràdh a dh'aindeoin sin nach eil an taic a th' ann aig an aon ìre 's a tha na seirbheisean PSO a tha an Riaghaltas fhèin a' ruith.
Às aonais airgid a bharrachd, 's e prìomhachas Comhairle nan Eilean Siar, thuirt iad, slighe Beinn nam Fadhla - Steòrnabhagh a chumail a' dol cho fada 's a tha sin comasach leis na buidseatan a th' ann is le buidhinn a tha deònach is comasach a ruith.
Thuirt iad gu bheil a h-uile seirbheis adhair anns na h-Eileanan an Iar ann do dhaoine san fharsaingeachd, seach aona sheirbheis shònraichte.
A thaobh a' phròiseis thairgse, dh'innis iad gun robh fòcas air na gnothaichean bunaiteach a dhèanadh cinnteach gun cumadh an t-seirbheis a' dol: cosgais is cho fada 's a bha an cùmhnant.
Às dèidh a' phròiseis, thuirt iad gur ann aig Hebridean Air Services a bha an aon tairgse a thàinig a rèir bhuidseat na Comhairle, agus a bha a' coileanadh faid a' chùmhnaint.
Thuirt iad gu bheil a' Chomhairle a' leantainn le conaltradh le Loganair, Hebridean Air Services agus HIAL gus ceanglaichean eadar na h-eileanan, agus eadar na h-eileanan is tìr-mòr a leasachadh.
Bidh coinneamh NHS nan Eilean Siar ann aig 10:00m Diardaoin is faodaidh am poball a leantainn le ceangal iarraidh ro-làimh, taobh a-muigh.