Sealladh às an Ròimh

- Air fhoillseachadh
Madainn Diluain thàinig an naidheachd mu bhàs a' Phàpa Prainnseas.
Ann an dòigh bha sinn an dùil ris is e air a bhith meadhanach fad ghreis, ach an uair sin thàinig e gu h-obann.
Là as dèidh na Càisge chaidh Jorge Mario Bergoglio air ais gu taigh Athar.
Dìreach air an Didòmhnaich fhèin chuir mi crìoch air an fhèin-eachdraidh-bheatha aige: "Dòchas", a thàinig a-mach san Fhaoilleach.
'S e leabhar a th' ann a tha furasta a leughadh.
Gu h-inntinneach mhìnich e gur e Piemonteis, mion-chànan ann an Iar-Thuath na h-Eadailt agus a tha dlùth ri Eadailtis, an cànan màthaireil aige.
Ged a thogadh e ann an Argentina bha a phàrantan às an sgìre sin.
Cha robh an teaghlach beartach, ach cha robh iad ann am bochdainn.
Bhiodh e a' taobhadh ris na daoine bochda fad a bheatha agus cha robh cus bheartais mun cuairt air a' còrdadh ris.
Fiù 's mar àrd-easbaig bhiodh e fhathast ag ùisneachadh còmhdhail phoblaich.

Tha e cuideachd a' toirt iomradh air cogaidhean agus air luchd-imrich - is rinn a phàrantan fhèin imreach às an Eadailt gu Argentina eadar an dà chogadh mòr.
B' e an rud a b' iongantiche dhomhsa mar a dh'innis am Pàpa Prainnseas nach maireann mu a chuimhne air a' Chonclave ann an 2013 dar a chaidh a thaghadh.
Cha robh ainm air bilean an t-sluaigh idir.
Bha mise ag aithris airson BBC Naidheachdan às an Ròimh aig an àm agus bha geàrr-liosta de dh'ainmean agam de na càirdinealan a bhathar a' smaoineachadh a dh'fhaodadh a bhith air an taghadh. Ach an uair sin thàinig ceò geal às an t-similear is chaidh ainm a leughadh a-mach ann an Laidinn is cha robh e furasta a thuigsinn.
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 5 làithean
- Air fhoillseachadhBho chionn 4 làithean
Dè bh' air tachairt? Mhìnich am Pàpa Prainnseas nach maireann san leabhar aige gun tug e òraid seachad dha na càirdinealan goirid ron Chonclave anns an do mhìnich e gum bu chòir dhan Eaglais coimhead a-mach barrachd, seach a-steach oirre fhèin.
Chòrd sin cho mòr ri Colaiste nan Càirdinealan gun do bhòt iad air a shon mar Phàpa.
A-nis tha mi air ais san Ròimh agus tha an t-àite cho trang mar-thà. Tha sinn a' feitheamh ann an loidhnichean iomadach uair tron là, eadhon gus faighinn faisg air Ceàrnag an Naoimh Peadar. Tha na sràidean air an dùnadh.
Dh'fheuch sinn loidhne a' phobaill gus faighinn a-steach dhan Bhasilica, ach cha do ghluais i cus agus dh'fhàg sinn i às dèidh ghreis.
Gu fortanach fhuair sinn cothrom a dhol air chuairt dhan Bhasilica le luchd nam meadhanan.

Chunnaic mi làmhan Phrainnseis is iad air am pasgadh air a bhroilleach, ach chan fhaca mi aodann idir. Bha e ro ìosal sa chiste.
Chuala sinn gun robh feadhainn air feitheamh fad ochd uairean a thìde agus an uair sin chan eil fiù 's cead aca stad aig a' chorp. Feumaidh iad cumail orra.
Tha cuimhne aig mòran air a' Phàpa Prainnseas mar dhuine iriseil agus mar fhear a bha faisg air na daoine.
Bha e airson a h-uile duine a thoirt a-steach dhan Eaglais is dh'atharraich e mar a tha an Eaglais a' cur fàilte air daoine gèidh.
Mar sin, do mhòran bha e na libearalach. Ach ann an dòighean eile cha robh.
Ged a chuir e tuilleadh bhoireannach ann an àrd-dhreuchdan sa Bhatacan, cha tàinig an sgrùdadh a thòisich e air boireannaich mar dhèaconan gu dad.
Bidh e inntinneach a-nise fhaicinn cò an taobh a ghabhas an ath Phàpa dar a thèid a thaghadh aig a' Chonclave ris a bheil dùil bho mheadhan na h-ath mhìos.