Bàgh an Eig ga cheannach le companaidh Iapanaich

Gàrradh Bhàgh an EigTùs an deilbh, GLOBAL ENERGY
  • Air fhoillseachadh

Tha gàrradh Bhàgh an Eig air taobh sear Rois air a cheannach le companaidh Iapanaich.

Reic an Global Energy Group, a tha stèidhichte an Inbhir Nis, an gàrradh ri Mitsui, a tha na companaidh mhòir einnsinnìridh.

Cha deach innse dè na chaidh a phàigheadh air a shon.

Chaidh £120m a chur an sàs sa ghàrradh thairis air a' 14 bliadhna mu dheireadh fo stiùir Global Energy.

Bha cuid den airgead phoblach sin airson leasachadh a thoirt air na cidhichean domhain is tallaichean togail, agus airson rùm a dhèanamh do phàirtean mòra de chrainn-ghaoithe.

Tha Bàgh an Eig ga fhaicinn mar àite riatanach airson leudachadh a thoirt air cumhachd na gaoithe aig muir, agus tha e aig cridhe fear de na dhà Shaor-Phort Uaine ann an Alba.

Chan eil cabhag air a bhith air cùmhnantan nochdadh ge-tà, agus tha Global air roghnachadh an gàrradh a reic.

Bha Mitsui mar thà le beag-chuid de dh'earrainnean sa ghàrradh, agus tha dùil gu bheil maoin a bharrachd aca na th' aig Global a chumas a' dol iad fhad 's a thathas a' feitheamh air cùmhnantan.

Tha Mitsui, a tha stèidhichte ann an Tokyo, le eòlas speisealta ann an einnsinnìreachd, cumhachd, bathair agus gnothaichean puirt.

Leis an t-suidheachadh a th' aca, chìthear an ceum seo mar thaisbeanadh de mhisneachd ann an roinn a' chumhachd ath-nuadhachail ann an Alba.

Tuilleadh air an sgeulachd seo