Tuilleadh bhìobhairean mu sgaoil am Bàideanach

BìobhairTùs an deilbh, Urras nam Bìobhairean
  • Air fhoillseachadh

Chaidh teaghlach eile de bhìobhairean a leigeil mu sgaoil ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh.

Cha robh bìobhairean idir ann an Alba fad 400 bliadhna mus deach paidhir a leigeil mu sgaoil ann an Rat Mhurchais san Dùbhlachd an-uiridh, is paidhir eile air fearann le Anne is Anders Holch Povlsen.

Chan eil am pròiseact air a bhith gun chonnspaid.

Nas tràithe am-bliadhna, thog croitearan agus tuathanaich ann am Bàideanach fianais is iad mì-thoilichte mun dòigh san deach conaltradh a dhèanamh mun chùis.

Gheall ùghdarras na pàirce às dèidh sin gun obraich iad gu dlùth ris na tuathanaich.

Chaidh an teaghlach ùr - bìobhair fireann, boireann, is bìobhair òg - a leigeil mu sgaoil ann an Tèarmann Nàdair Innse faisg air Ceann a' Ghiùthsaich.

Dh'fhaodadh gun tèid suas ri 15 teaghlaichean uile gu lèir a leigeil mu sgaoil ann am Pàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh thairis air an ath chòig bliadhna.