Mì-thoileachas mu airgead a gheibh coimhearsnachdan bho ùrachadh loidhne-dealain

Loidhne-dealainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha troimhe-chèile san Eilean Sgitheanach mun airgead a gheibh coimhearsnachdan à ùrachadh air loidhne-dealain tron eilean.

Dh'innis Riaghaltas Bhreatainn gur e £1m a gheibh coimhearsnachdan.

"Tha sinn feumach air bun-structar ùr gus ionmhas na dùthcha agus an t-sluaigh a dhìon agus gus cumhachd uaine a chruthachadh," thuirt neach-labhairt bho Roinn a' Chumhachd aig Westminster.

"Tha sinn a' toirt cruth-atharrachaidh air siostam a' chumhachd is a' togail a' ghriod a dh'fheumas sinn.

"Mar phàirt den sin, gheibh a' choimhearsnachd san Eilean Sgitheanach còrr is £1m mar thoradh air ùrachadh air dà fo-stèisean san eilean."

Ach 's e briseadh-dùil a bha seo do chuid.

Bha BPA agus BP na sgìre le chèile air moladh gur e £200,000 gach mìle den loidhne - còrr air £20m uile gu lèir - a gheibheadh coimhearsnachdan air an toir an obair buaidh.

Tha am BPA, Ceit Fhoirbeis aig an SNP, agus am BP Lib Deamach Aonghas Dòmhnallach a-nis air sgrìobhadh gu Riaghaltas Bhreatainn ag iarraidh seo atharrachadh.

Cho-dhùin an Riaghaltas an t-seachdain a chaidh cead a thoirt do SSEN a dhol air adhart leis an obair, a tha a' chompanaidh ag ràdh a tha a dhìth leis gu bheil an loidhne a th' ann air fàs sean, 's cuideachd gu bheil feum air loidhne a tha comasach air barrachd dealain a ghiùlain leis na tha de leasachaidhean ath-nuadhachail air fàire.

Tuathanasan-gaoithe

Tha an obair luach £500m, le campaichean gu bhith air an stèidheachadh airson luchd-obrach faisg air an Àth Leathann - rud a th' air dragh a chur air muinntir an àite leis a' bhuaidh a tha iad a' faicinn a bheir e air seirbheisean agus goireasan na sgìre.

Tha iomagain air cuid gur ann airson cead a thoirt do na tuathanasan-gaoithe ùra a tha san amharc a thugadh cead airson an loidhne ùrachadh.

Chaidh Ceit Fhoirbeis às àicheadh sin.

"Tha mi fhìn air a ràdh mar thà gu bheil mi taiceil ris an loidhne ùir air sgàth 's gu bheil an t-Eilean Sgitheanach feumach air loidhne ùr," thuirt Leas-Phrìomh Ministear na h-Alba agus BPA na sgìre, Ceit Fhoirbeis.

"Tha sin gun teagamh sam bith.

"Ach cha bu chòir sin a bhith a' ciallachadh gum bi na tuathanasan-gaoithe ann.

"Tha e fhathast cudromach gu bheil daoine ag èisteachd ris na coimhearsnachdan, agus gu h-àraidh ann an àite cho bòidheach, mar an Eilean Sgitheanach, tha e uabhasach cudromach gu bheil an Riaghaltas ag èisteachd ris na coimhearsnachdan, agus gu bheil na h-ùghdarrasan ionadail ag èisteachd ris na coimhearsnachdan."

Comhairle na Gàidhealtachd

Tha ceist ann cuideachd mu Chomhairle na Gàidhealtachd a bhith a' cur an aghaidh na loidhne ùire, agus coltas ann gun robh ceann-là a' cho-chomhairleachaidh seachad mus deach freagairt na Comhairle a-steach chun an Riaghaltais.

Bhòt comhairlichean airson cur an aghaidh nam planaichean air an t-slighe a bhathas a' moladh.

Ach tha e coltach nach deach an fhreagairt a chur a-steach gu Riaghaltas na h-Alba ann an tìde, agus nach eil, gu h-oifigeil, a' Chomhairle air cur an aghaidh nam planaichean mar a bha comhairlichean an dùil.