Thugadh cead do loidhne-dealain ùr tron Eilean Sgitheanach

Crann-dealainTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Thug Riaghaltas na h-Alba cead seachad airson ùrachadh a dhèanamh air an loidhne-dealain tron Eilean Sgitheanach.

Cosgaidh pròiseact na companaidh cumhachd SSEN còrr 's £500m.

Chuir comhairlichean Gàidhealach an aghaidh nam planaichean ann an 2023.

Tha tàmailt air luchd-strì ionadail ge-tà agus dragh orrasan mun bhuaidh an lùib togail na loidhne, agus gum faodadh sreath de thuathanasan-gaoithe a dhol air adhart air loidhne nas motha.

Chuir SSEN fàilte air co-dhùnadh mhinistearan airson na loidhne ùir a bhios "a chùm tèarainteachd cumhachd agus a leigeas le barrachd sgeamaichean ath-nuadhachail ceangal ris a' ghrid".

Tha pàirtean den loidhne faisg air 30 bliadhna de dh'aois agus bha SSEN ag argamaid gun robh ceangal-dealain nas seasmahaiche riatanach do mhuinntir an Eilein Sgitheanaich agus na h-Eileanan an Iar, agus an loidhne gu bhith a' ceangal ri loidhne ùr air grunnd a' Chuain Sgìth.

Bidh i a' ruith bho Chille Chuimein, taobh Loch Nis a-null dhan Eilean Sgitheanach, agus suas tron Eilean gu ruige Àrd Mhòr ann am Bhatairnis.

Thuirt SSEN gum bi naoi mìle dhith fon talamh, nam measg an sgìre a' Chuilthinn.

Thuirt neach-labhairt Riaghaltas na h-Alba gun tug ministearan cead seachad airson "dealan a chumail ri 32,000 dachaigh agus gnìomhachas san Eilean Sgitheanach agus na h-Eileanan an Iar."

Thuirt luchd-iomairt an aghaidh phlanaichean airson grunn thuathanasan-gaoithe a thogail san Eilean gur e "briseadh-dùil mòr" a th' anns a' cho-dhùnadh.

Tha Buidheann Fiosrachaidh Tuathanas-Gaoithe an Eilein Sgitheanaich le dragh mu mheud nan crann-dealain agus fo-stèiseanan ùra a bhiodh ann.

Tha a' bhuidheann den bheachd gun robh còir sgrùdadh poblach a bhith ann nuair a chuir Comhairle na Gàidhealtachd an aghaidh ùrachadh na loidhne.

Thuirt an neach-labhairt, an Dtr Anndra Robasdan: "An àite sin, thugadh cead-dealbhachaidh seachad agus cha tugadh feairt do bheachd na comhairle.

"'S e dìth deamocrasaidh a tha seo."

Tha dragh air a' bhuidhinn mu mholaidhean campaichean do luchd-obrach a' phròiseict a stèidheachadh le rùm airson nan ceudan.

Thuirt an Dtr Robasdan gur dòcha gum beachdaich a' bhuidheann air ath-sgrùdadh laghail le britheamh iarraidh.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd nach biodh e iomchaidh dhaibh beachd a thoirt.