Dachaigh ùr san amharc do Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle Baile Ghlaschu a' coimhead air làraichean ùra do Bhun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu is dùil gum feum an sgoil gluasad a-mach às an togalach a th' ann ro thoiseach bliadhna-sgoile 2028/29.
Tha seo mar thoradh air mar a tha àireamhan a' sìor fhàs ann an Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, a tha stèidhichte san aon toglach air Sràid Berkeley sa bhaile.
A rèir aithisg, taobh a-muigh a tha a' dol air beulaibh Comhairle Ghlaschu Diardaoin, tha dùil aig an ìre seo gum bi 838 sgoilear ann am bun-sgoiltean Gàidhlig Ghlaschu ann an 2024/25.
Tha seo a' toirt a-steach Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Bun-sgoil Ghàidhlig Ghleann Dail, Bun-sgoil Ghàidhlig Bhaile a' Ghobhainn, is Bun-sgoil Ghàidhlig a' Challtainn.
Tha dùil gum fosgail Bun-sgoil ùr a' Challtainn san Dùbhlachd 2025 is na sgoilearan an-dràsta air an teagasg ann am Bun-sgoil Chealbhainn a Tuath.
Dh'innis an aithisg cuideachd gu bheil dùil gum bi 546 sgoilear ann an Àrd-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu bhon Dùbhlachd.
Tha cho làn 's a tha an t-àrd-sgoil air a bhith connspaideach anns na bliadhnaichean mu dheireadh, is cuibhreachadh air a chur air an àireimh de sgoilearan a tha a' tighinn a-steach gu Clas 1 ann am FtMG an Glaschu, ri linn dìth àiteachan san àrd-sgoil.
Roghainnean
Tha an aithisg ag innse gu bheil an cuibhreachadh sin ag èirigh gu 150 san Lùnastal, is gu bheil aig an ìre seo 113 pàistean air an clàradh.
Ach tha dùbhlan a' leantainn le rùm aig an àrd-sgoil is an aithisg a' mìneachadh gu bheil feum air atharrachadh a thoirt air mar a tha an togalach air Sràid Berkeley ga chleachdadh.
Chaidh eòlaiche fhastadh an-uiridh gus an gnothach a sgrùdadh is chaidh co-dhùnadh gum feum Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu gluasad a-mach às an togalach ro thoiseach 2028/29.
Tha an aithisg ag ràdh gu bheilear a' coimhead ri trì roghainnean 'son Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu:
gluasad gu togalach a th' ann mar-thà
gluasad gu togalach a th' ann mar-thà is a sgeadachadh às ùr
sgoil ùr a thogail
Tha rannsachadh a' dol air adhart air dè chosgadh gach roghainn is an aithisg ag ràdh gum bi feum air tuilleadh chòmhraidhean mus tèid co-dhùnadh a dhèanamh.

Dh'innis Ceannard Bun-sgoil Ghàidhlig Ghlaschu, Nellie Nic an t-Saoir gu bheil dùbhlain ann an-dràsta le mar a dh'fheumas a' bhun-sgoil agus an t-àrd-sgoil na h-aon àiteachan agus goireasan, leithid spòrs, a chleachdadh aig amanan eadar-dhealaichte.
Mar eisimpleir tha clàr-ama teann aca airson an talla-bìdh airson 's gum faigh an dà sgoil cothrom a bhith ann.
"An raon-cluich am fear as miosa, gu h-àraid airson na h-àrd-sgoile, chanainn.
"Chan eil àite acasan dhaibh p'fhèin airson a bhith a-muigh agus tha iad a' cleachdadh raon-cluiche na bun-sgoile agus tha buaidh aig a sin air a' bhun-sgoil agus na goireasan nuair a tha sinne ga cleachdadh," thuirt i.
Agus 's ann nas dùbhlanaiche a dh'fhàsas cùisean sna beagan bhliadhnaichean ri teachd.
Ged a chaidh cuibhreachadh a chur air an àireamh sgoilearan a tha a' dol a-steach gu Clas 1 sa bhun-sgoil, èirigh an àireamh a tha a' dol dhan àrd-sgoil.
"Tha sin a' ciallachadh gum bi iadsan a' cur feum air barrachd rùim. Tha e a' dol a dh'fhàs nas miosa," thuirt Ms Nic an t-Saoir.