Oifigich a' moladh sgoil ùr Mhuile a thogail an ceann a deas Thobair Mhoire

Tha deasbad ann mu càite am bu chòir àrd-sgoil ùr a stèidheachadh am Muile
- Air fhoillseachadh
Tha oifigich dealbhachaidh aig Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid air co-dhùnadh gur e làrach an ceann a deas Thobair Mhoire a b' fheàrr leotha airson sgoil ùr an eilein a shuidheachadh.
Nochd beachd nan oifigeach ann an aithisg a chaidh fhoillseachadh anmoch Dihaoine a chaidh.
Tha na planaichean airson campas sgoile ùir am Muile do chloinn aois eadar dà bhliadhna agus ochd bliadhna deug air diofar bheachdan adhbharachadh sa sgìre.
A rèir sgrùdaidh air loidhne a rinn Comhairle Coimhearsnachd Mhuile cha tuirt ach 29% de na 665 a thug seachad beachd gur e an làrach an ceann a deas Thobair Mhoire an tè a b' fheàrr.
Thuirt 46% gur ann am meadhan an eilein a bu chòir àrd-sgoil a thogail, le bun-sgoil fhathast an Tobar Mhoire.

'S ann an Tobair Mhoire a tha àrd-sgoil Mhuile an-dràsta
Tha deasbad air a bhith a' dol san eilean mu na planaichean airson sgoil ùr a thèid an àite Àrd-sgoil Thobar Mhoire.
Bha ceithir làraichean air geàrr-liosta Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid agus chaidh an cur san ordugh a bha iad a' meas a bu fhreagarraiche a rèir sreath chuspairean-deuchainn:
ceann a deas Thobair Mhoire
Creag an Iubhair
Tobair Mhoire (far a bheil àrd-sgoil an eilein an-dràsta)
Garbh-Mhonadh
Bha dùil gun dèanadh comhairlichean co-dhùnadh air molaidhan na h-aithisge air an 27mh den Ghearran, ach dh'iarr roinn rianachd Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun tèid coinneamh shònraichte a chumail air a' chuspair air an 7mh den Mhàrt.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh19 An Dùbhlachd 2024