Dàil beagan mhìosan mus bi earrann dà-fhillte eile den A9 deiseil

Dealbhachadh 'son an A9 a dhèanamh dà-fhillteTùs an deilbh, Còmhdhail Alba
  • Air fhoillseachadh

Cha bhi obair airson an earrann den A9 eadar an Tom Aiteann is a' Mhòigh a dhèanamh dà-fhillte deiseil aig deireadh 2027 mar a bha dùil.

Bha Còmhdhail Alba air a ràdh gun robh iad an dùil gum biodh an earrann seo, a tha sia mìle de dh'fhaid, deiseil ro dheireadh 2027.

Ach tha a' bhuidheann a-nis ag ràdh gun tèid an earrann seo dhen rathad fhosgladh do charbadan uaireigin as t-earrach 2028.

Thuirt Còmhdhail Alba gu bheil a' chompanaidh togail a bhios an urra ris a' phròiseact air innse dhaibh gum bi barrachd ùine a dhìth 'son dèiligeadh ri buaidh na h-aimsire agus cuideachd mar thoradh air na riaghailtean a thaobh na h-àrainneachd co-cheangailte ri obair faisg air aibhnichean is uillt.

Chaidh a dhearbhadh san Iuchair gur e a' chompanaidh togail Balfour Beatty a fhuair an cumhnant airson an earrann seo den A9 a leasachadh.

Tha a' bhuidheann ag ràdh nach toir seo buaidh ge-tà air an amas aig Riaghaltas na h-Alba, an A9 a dhèanamh dà-fhillte air fad eadar Peairt is Inbhir Nis ro dheireadh 2035.

Dh'fhoillsich an Riaghaltas clàr-ama ùr aig deireadh na bliadhna an-uiridh airson a' phròiseict.

Sin às dèidh dhaibh aideachadh sa Ghearran 2023 nach gabhadh an targaid a bh' ann gus am pròiseact a chrìochnachadh ro 2025 a choileanadh.

Tòisichidh obair air an earrann eadar a' Mhòigh is an Tom Aiteann as t-earrach an ath-bhliadhna.

Ach bidh obair ullachaidh le Balfour Beatty a' toiseachadh air an 21mh den Dàmhair.

Tha Còmhdhail Alba air rabhadh a thoirt gum faodadh an t-ullachadh sin beagan thrioblaidean adhbharachadh anns an sgìre aig amannan.