Sgrùdadh mu theintean monaidh

TeineTùs an deilbh, Stèisean Smàlaidh Coimhearsnachd Drochaid Chàrr
Fo-thiotal an deilbh,

Chaidh a ràdh gun do rinn teintean monaidh air a' Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh an t-seachdain-sa mòran millidh.

  • Air fhoillseachadh

Tha Poileas Alba agus Seirbheis Smàlaidh is Teasargainn na h-Alba air sgrùdadh a chur air dòigh còmhla mu dheidhinn sreath de theintean monaidh air a' Ghàidhealtachd agus ann am Moireibh an t-seachdain-sa.

Thuirt oifigearan gun deach droch mhilleadh a dhèanamh thairis air sgìre mhòir.

Tha luchd-smàlaidh air a bhith a' strì ri teintean an Drochaid Chàrr, am Baile nan Granndach, anns an Damhath agus an Cnoc Cheannachd.

Thuirt na poilis nach deach duine a ghoirteachadh ach gu bheil sgrùdadh ga dhèanamh fhathast.

An-raoir, chuir smàladairean an oidhche seachad air Mòinteach an Damhath agus ann an sgìre Dhalais agus chuidich e iad gun robh robh uisge ann.

Aig an àm bu mhiosa, bha deich innealan fichead bho air feadh Alba a-muigh a' dèiligeadh ris na teintean agus chaidh heileacoptairean a chleachdadh cuideachd airson uisge a dhòrtadh orra.

Tha na h-ùghdarrasan airson cluinntinn bho dhuine sam bith aig a bheil fiosrachadh mu na teintean.