Taighean-beaga poblach gam moladh an trì sgìrean ùra air Ghàidhealtachd

Suaicheantasan de bhoireannach agus de dh'fhireannach air taighean-beagaTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhaodadh gum bi taighean-beaga a tha fosgailte don mhòr-shluagh ann an trì làraichean ùra ann an sgìre Comhairle na Gàidhealtachd bhon ath-bhliadhna fo aonta a th' aig an ùghdarras ionadail le buidhnean coimhearsnachd.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd a' ruith 72 taighean-beaga poblach iad fhèin, agus tha iad a' toirt maoineachaidh do 54 buidhnean eile airson goireasan a ruith sa nàbachd acasan.

Bha comhairlichean air Comataidh nan Coimhearsnachdan a' beachdachadh Diaordaoin air molaidhean airson Aontaidhean Sgeama Faochaidh bho 2026 gu 2029.

Chuala iad gu bheil trì sgìrean ùra a' sireadh maoineachaidh bhon sgeama airson taighean-beaga fhosgladh don phoball - ann an Coit Ghartain, Gleann Nibheis agus aig a' Pharbh.

Thig na h-aontaichean a th' ann an-dràsta gu ceann aig deireadh a' Mhàirt 2026 agus cosgaidh na 57 goireasan ùra a thathar a' moladh airson na h-ath thrì bliadhna £128,900 sa bhliadhna.

Tha oifigearan ag ràdh gun tèid pàigheadh airson sin a-mach às a' bhuidseit a th' ann airson na seirbheise.

Cluinnear tric gearanan nach eil taighean-beaga poblach gu leòr sa cheann a tuath de dh'Alba, ach a rèir aithisg an-uiridh thàinig àrdachadh air na bh' ann dhiubh.