Baileat stailce aig UHI

- Air fhoillseachadh
Fosglaidh baileat airson stailce am measg luchd-obrach UHI Diciadain, 's eas-aonta ann mu ghearradh cosnaidh agus daoine a bhith gan cur às an dreuchdan an aghaidh an toil.
Dh'innis àrd-mhanaidsearan UHI air a' mhìos a chaidh gu bheil dùil aca 16 duine a chur às an dreuchdan mar oidhirp air £2m a chùmhnadh.
Thathas a' faighneachd de bhuill Aonadh nan Oilthighean 's nan Colaistean (UCU) a tha ag obair aig prìomh-oifis UHI co-dhiù tha iad deònach pàirt a ghabhail gach cuid ann an stailc agus iomairt obrach nas lugha na stailc.
Tha dragh air an aonadh nach eil na figearan a dh'fhoillsich UHI ceart, agus gun tig orra an aon rud a dhèanamh a-rithist fhathast.
Tha iad ag ràdh gum bu chòir do mhanaidsearan a bhith a' coimhead ri sàbhalaidhean a dhèanamh seach cosnaidhean a ghearradh, 's gum bi buaidh aig na gearraidhean air foghlam nan oileanach.
Thuirt iad cuideachd gur e "loidhne dhearg" a bh' ann a bhith a' cur dhaoine às an dreuchdan an aghaidh an toil.
Dùinidh am baileat Dimàirt an 7mh là den Dàmhair.
Seasmhachd Ionmhasail
Thuirt labhraiche às leth UHI: "Coltach ri mòran bhuidhnean air feadh roinn an àrd-fhoghlaim tha Oilthigh na Gàidhealtachd 's nan Eilean (UHI) a' gabhail cheumannan airson seasmhachd ionmhasail fhaighinn san ùine fhada a chùm buannachd ar n-oileanach, luchd-obrach agus coimhearsnachdan.
"Tha àrdachadh na h-atmhorachd, còmhla ri staid a' mhaoineachaidh phoblaich air dùbhlain nach beag a chruthachadh ann a bhith a' cothromachadh a' bhuidseit.
"A dh'aindeoin chòmhraidhean adhartach leis an aonadh chiùird agus fiosrachadh ionmhasail mionaideach a roinn leotha, cha deach againn air an còrr roghainnean a lorg a bheireadh dhuinn an t-adhartas a tha a dhìth a dh'ionnsaigh cothromachadh ionmhasail.
"Tha an oilthigh air a bhith soilleir agus cunbhalach bho thoiseach na ghealltanas, mar phàirt de a Phlana Ro-innleachdail 2030, buidseat cothromach a ruighinn agus seasmhachd ionmhasail a dhaingneachadh aig àm gu math dùbhlanach a thaobh maoineachaidh.
"Tha sinn a' gabhail an uallaich seo tro mheasgachadh de lùghdachadh cosgais agus ceumannan airson airgead a thogail, airson dèanamh cinnteach gum faigh sinn air sàr-fhoghlam, rannsachadh agus malairt eòlais a thoirt do na sgìrean a tha sinn a' frithealadh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh17 An Dàmhair 2023
- Air fhoillseachadh9 An Cèitean 2017