£800,000 'son an aon àite cruinneachaidh an Sgalpaigh ùrachadh

"Chan eil àite an Sgalpaigh airson na daoine a tha a' fuireach ann tighinn còmhla"
- Air fhoillseachadh
Gheibh 23 pròiseactan air feadh na dùthcha an cuid fhèin bho dà stòras Riaghaltas na h-Alba a tha ag amas air fàs eaconamach a thoirt air coimhearsnachdan eileanach.
Tha luach £5.9m eadar Prògram nan Eilean agus Maoin Carbon Neodrach nan Eilean.
Tha an t-suim as motha a' dol do dh'Ionad Dualchais Sgalpaigh, a gheibh £647,000 airson na ciad ìre den obair ath-leasachaidh air an aon talla coimhearsnachd a th' ann.
Tha am pròiseact airson Talla Coimhearsnachd an t-Òib sna Hearadh ùrachadh a' faighinn £474,000.
Chaidh £327,000 do Champas Coimhearsnachd Ceann a Deas an Eilein Sgitheanaich airson pàirc-spòrs a ghabhas cleachdadh sa h-uile seòrsa sìde.
'S e sin an cnap airgid mu dheireadh air an robh am pròiseact sin a' cur feum.
Gheibh Talla Coimhearsnachd Bhatarsaigh £249,000 airson obair dì-charbonachaidh.
Chaidh na grantaichean ainmeachadh agus Caidreachas na Gàidhealtachd agus nan Eilean gus tòiseachadh an Eilean Arainn Diluain.

Thathar airson an talla coimhearsnachd an Sgalpaigh a dhèanamh nas blàithe agus nas seasmhaiche
'S ann airson fàs a thoirt air eaconamaidhean eileanach agus airson cur ri saidhbhreas coimhearsnachd a tha an taic-airgid.
Cleachdaidh Comann Coimhearsnachd Sgalpaigh am maoineachadh airson an aon àite cruinneachaidh poblach aca a dhèanamh nas blàithe agus nas seasmhaiche.
Tha iad cuideachd a' faighinn £220,000 bho Iomairt na Gàidhealtachd is nan Eilean airson a' phròiseict.
Thuirt Daibhidh Moireasdan bho Chomann Coimhearsnachd Sgalpaigh: "An-dràsta chan eil àite sam bith ann an Sgalpaigh airson na daoine a tha a' fuireach ann a bhith a' tighinn còmhla ri chèile.
"Agus cuideachd airson eòlas fhaighinn air eachdraidh an eilein - gnothaichean mar an t-iasgach.
"Tha e cudromach àite a bhith ann airson a h-uile càil a tha sin agus cuideachd airson a' Ghàidhlig, ceòl agus cultar a bhrosnachadh."
Tha iad an dòchas gum bi an obair a tha a dhìth air an t-seann togalach deiseil ron t-samhradh an ath-bhliadhna.
Gheibhear an liosta air fad de na pròiseactan a fhuair maoineachadh an seo., taobh a-muigh
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh12 An t-Ògmhios 2024
