Cùmhnant ùr do dh'Àranais

- Air fhoillseachadh
Tha gàrradh-togail Àranais ann an Leòdhas air cùmhnant ùr fhaighinn, airson uidheamachd a thogail airson pròiseact cumhachd anns a' Charibbean.
Nì iad uidheamachd dha meur dhen chompanaidh McDermott airson pròiseact aig muir ann an Trinidad agus Tobago.
Mairidh an cùmhnant mu bhliadhna, agus e mar a' chiad chùmhnant ùr a fhuair Àranais bho chaidh iad fhèin agus na goireasan eile a bha aig Harland and Wolff a ghabhal thairis leis a' chompanaidh Spàinntich, Navantia.
Thadhail ceannardan Navantia air Àranais airson a' chiad uair na bu tràithe air a' mhìos seo agus tha iad air gealltainn airgead a chosg agus cosnaidhean a chruthachadh aig an làraich ann an Leòdhas.
Thuirt Navantia gum bi an cùmhnant ùr a' cuideachadh leis na planaichean aca airson àireamh an luchd-obrach aig Àranais a leudachadh.
Dhearbh iad gum bi 30 neach-obrach a bharrachd a dhìth a-nis.
Buinidh a' chompanaidh do Riaghaltas na Spàinne is iad an-dràsta a' cumail cosnaidh ri còrr is 4,000 neach - le prìomh làrach na companaidh ann an Cadiz.
Chuir Rùnaire na h-Alba Iain Moireach fàilte air an naidheachd mun chùmhnant ùr is thuirt e gu bheil e na dhearbhadh gu bheil ro-innleachd ùr na tionnsgalachd aig an riaghaltas ag obrachadh.
Thuirt e: "Chan eil sinn dìreach a' dìon obraichean - tha sinn a' cruthachadh feadhainn ùra agus a' stèidheachadh Alba mar hub eadar-nàiseanta airson bun-stuctar cumhachd."