95% de dhachannan le dealan a-rithist an dèidh Stoirm Floris

Obair-càraidh air loidhne-dealain ann an coille
Fo-thiotal an deilbh,

Tha obair a' leantainn gus sprùilleach a thoirt far bhun-structair an dèidh na stoirme

  • Air fhoillseachadh

Chaidh dealan a thilleadh gu 95% de dhachannan a chaill e an dèidh Stoirm Floris, a rèir SSEN.

Chaill còrr air 70,000 dachaigh cumhachd an dealain anns an stoirm Diluain, anns an deach gaoth còrr air 80msu a chlàradh ann an cuid de sgìrean.

Thug an stoirm buaidh gu h-àraid air Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan, ann am Moireibh agus Siorrachd Obar Dheathain.

Thuirt SSEN madainn Diciadain gun deach an dealan a thilleadh gu 68,000 dachaigh, 's gun robhas ag obair gus a thilleadh gu 3,900 eile, leis na ceudan luchd-einnsinnìridh air a bhith a-muigh ag obair bho ghlasadh an là.

Tha obair-glanaidh a' leantainn agus mòran chraobhan air an leagail air rathaidean is loidhnichean-rèile feadh na dùthcha.