MV Isle of Islay fo dheuchainnean san Tuirc

- Air fhoillseachadh
Tha an soitheach ùr an MV Isle of Islay air ceum a ghabhail a dh'ionnsaigh seirbheis do Chaledonian Mac a' Bhruthainn is i air a bhith a' dèanamh dheuchainnean-mara far chosta na Tuirc.
Tha an soitheach air a togail le Gàrradh Cemre ann an ceann a tuath na dùthcha is dùil gum bi i ann an làmhan CMAL ro dheireadh an t-samhraidh.
Bha dùil rithe an toiseach aig deireadh na bliadhna an-uiridh ach tha i co-dhiù ochd mìosan air dheireadh ri linn crithe-talamhainn mòire san Tuirc agus trioblaidean ann a bhith a' faighinn luchd-obrach sònraichte airson cuid den uidheamachd air bòrd a dheisealachadh.

Tha slighean an MV Isle of Islay rim faicinn air-loidhne.
Nuair a bhios i ann an seirbheis gabhaidh an MV Isle of Islay suas ri 450 neach agus 100 càr, no 14 làraidh air ais agus air adhart a dh'Ìle.
Tha bàta eile, an MV Loch Indaal, cuideachd ga togail aig Gàrradh Ceme an-dràsta airson Ìle fhrithealadh.
Thèid an uairsin crìoch a chur air an dà shoiteach, MV Lochmor agus MV Claymore, airson slighean 'an triangle' eadar an t-Eilean Sgitheanach, Uibhist a Tuath agus na Hearadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2024
- Air fhoillseachadh16 Am Màrt 2024
- Air fhoillseachadh18 An Cèitean 2023