Oighreachd Cheann a Deas Shlèite air a' mhargaidh air prìs £6,750,000

- Air fhoillseachadh
'S e tairgsean thairis air £6,750,000 a thathas a' sireadh airson Oighreachd Cheann a Deas Shlèite, a chaidh air a' mhargaidh Diardaoin.
Tha fearann eachdraidheil Chlann Dòmhnaill Shlèite, sa bheil còrr is 19,200 acair, ga mhargaidheachd air làrach-lìn Strutt & Parker, taobh a-muigh.
Thuirt iad gur e "cothrom air leth sealbh fhaighinn air tè de na h-oighreachdan as motha agus as cudromaiche a thaobh eag-eòlais sna h-Eileanan A-Staigh".
Tha an naidheachd fhèin agus mar a chuala iad i air fearg a chur air cuid ann an Slèite.

Bidh Caisteal Armadail ga chur air a' mhargaidh leis fhèin fhathast
Thàinig e am bàrr aig toiseach na seachdain gun robh Urras Fearainn Chlann Dòmhnaill (CDLT) gu bhith a' reic na h-oighreachd; bidh seann phrìomh àite-còmhnaidh a' chinn-fheadhna, Caisteal Armadail a tha an-diugh na thobhta, ga reic leis fhèin.
Ach rinn cuid sa sgìre càineadh air a' bhuidhinn-chathrannais airson an naidheachd fhoillseachadh gun chonaltradh sam bith leis a' choimhearsnachd.
Ann am brath sgrìobhte thuirt Bòrd Urras Coimhearsnachd Shlèite (SCT) gur e "briseadh-dùil" a bh' ann dhaibh.
"Tha sinn mothachail gu bheil co-dhùnadh CDLT na adhbhar iomnaidh mòr do gu leòr de luchd-còmhnaidh Shlèite, agus gum bi buaidh nach beag an cois an reic air a' choimhearsnachd againn."

Thuirt an t-urras leasachaidh gun robh iad ag obair gu dlùth le Comhairle Coimhearsnachd Shlèite feuch dè na roghainnean a tha ann do mhuinntir na sgìre.
Tha dùil aca coinneamh phoblach a ghairm a dh'aithghearr a dheasbad na slighe air adhart.
Tha coinneamh gu bhith aig Comhairle Coimhearsnachd Shlèite oidhche Mhàirt an ath-sheachdain agus dùil gur e seo am prìomh chuspair air a' chlàr-ghnothaich aca.
"San eadar-ama, dh'iarradh SCT air CDLT agus air Strutt & Parker dàil a chur air a' phròiseas reic airson ùine a thoirt don choimhearsnachd beachdachadh air dè na roghainnean a dh'fhaodadh a bhith aca," thuirt iad.