Dàil air cìs turasachd an Earra-Ghàidheal is Bòd

- Air fhoillseachadh
Cho-dhùin Comhairle Earra-Ghàidheal is Bhòid gun cuireadh iad dàil air a' phròiseas gus cìs turasachd a thoirt a-steach san sgìre.
Sgrìobhaidh stiùiriche na Comhairle gu Riaghaltas na h-Alba a dh'fhaighneachd an robh planaichean sam bith aca gus cìs stèidhichte a thoirt a-steach an àite ceudad (%) mar a th' air a' bhòrd an-dràsta.
Bidh e a' sgrìobhadh gu Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte cuideachd mu na draghan mu mar a dh'fhaodadh a' chìs gnothachasan beaga a thoirt thairis air ìre de theachd a-steach far am feum iad clàradh airson VAT.
Coimheadaidh iad air a' chuspair a-rithist san Fhaoilleach.
Tha sgrùdadh a rinn a' Chomhairle fhèin air sealltainn nach eil sluagh na sgìre airson leithid de chìs, agus dragh ann gun toir e droch bhuaidh air turasachd - gnìomhachas a tha air leth cudromach don eaconomaidh ionadail.
Bha dragh ann cuideachd gun toireadh e buaidh nas motha air eileanaich na air feadhainn a' fuireach air tìr-mòr, 's aig eileanaich gu tric ri falbh gu tìr-mòr airson leithid choinneamhan dotair agus gnothaichean sgoile, le feum oidhche a chur seachad.
Thogadh a' chìs mu £10.5m sa bhliadhna, agus a' Chomhairle ag ràdh gun robh sin a dhìth airson bun-structar agus goireasan turasachd a leasachadh.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain