Coinneamh ICT dheth ach luchd-rianachd fhathast misneachail

- Air fhoillseachadh
Tha luchd-rianachd Chaley Thistle Inbhir Nis ag ràdh gu bheil iad fhathast misneachail gun gabh aonta a ruighinn air CVA gus an an cluba a thoirt a-mach à rianachd - a dh'aindeoin is gun deach coinneamh an t-seachdain seo a bha ag amas air aonta a chur dheth.
Bha an luchd-rianachd BDO air innse air a' mhìos seo chaidh gum biodh coinneamh ann Diardaoin an 22na den Chèitean feuch CVA aontachadh le luchd-creideis.
Bha sin às dèidh dhaibh "adhartas mòr" a dhèanamh a thaobh chnapan-starra a dh'fhoillsich iad roimhe is Ailean Savage air ainmeachadh mar an tagraiche roghnaichte 'son Caley Thistle Inbhir Nis a cheannach.
Tha BDO a-nise air a' choinneamh a chur dheth chun a' 5mh den Ògmhios.
'S e suidheachadh an fhearainn timcheall Pàirc Chaledonian as coireach.
Ann am brath ùr thuirt BDO gu bheil feum air an cùmhnant fearainn a th' ann an-dràsta atharrachadh - is mar sin air aonta laghail eadar an cluba, an fheadhann leis a bheil a bheil an cùmhant fearainn, is Comhairle na Gàidhealtachd mar phrìomh uachdaran.
Tha iad ag ràdh gu bheil na buidhnean sin uile ag obair còmhla is thug iad taing dha Comhairle na Gàidhealtachd gu seachd àraid airson glusad gu sgiobalta san t-suidheachadh a th' ann.
Thuirt BDO nach urrainn dhaibh CVA a chur air adhart gu luchd-creideis gun an suidheachadh seo a bhith air a rèiteach.
Tha iad ag ràdh gu bheil iad "misneachail" gun gabh sin dèanamh is gu bheil mar a tha daoine air earrannan a thilleadh chun a' chluba is air taic a shealltainn air a bhith "iongantach".
Thuirt iad gum bu chòir do dhaoine nach do thill na h-earranann aca fhathast sin a dhèanamh mar phàirt dhan "oidhirp mu dheireadh" gus tighinn a-mach à rianachd.